Ruairidh MacLeòid nan Duilleagan Gàidhlig

Buinidh an Dr Ruairidh MacLeòid (Beurla: Roderick MacLeod) do Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath agus bha e bliadhnaichean na mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus do ghluais e gun Fhùirneis ann am Meadhan Earra-Ghàidheal. Bha e na Chomhairliche air Comhairle nan Eilean nuair a chaidh an t-ùghdarras ionadail a stèidheachadh. Tha e air a bhith na fhear-deasachaidh air Na Duilleagan Gàidhlig airson na h-iris ‘Life and Work’ aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna agus b' esan a ghabh seirbheis cuimhneachaidh Iain Noble ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann anns a’ Ghiblean 2010.

Ruairidh MacLeòid nan Duilleagan Gàidhlig
comhairliche

Beatha
Breith Loch nam Madadh, 1941
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Àrd-sgoil Phort Rìgh
An t-Oilthigh Fosgailte
Oilthigh Dhùn Èideann
(1959 - 1966) eòlas Ceilteach
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd ministear

Clàr-leabhraichean deasaich

  • MacLeòid, Ruairidh. 1982. Pleunaichean na Gàidhealtachd (Uibhist-a-Tuath: Crùisgean)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn deasaich

  • MacThòmais, R. 1983. ‘Pleunaichean na Gàidhealtachd le Ruaraidh MacLeoid.’ Gairm 124, d.383.