Puerto Berrío
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Magdalena Medio
Àirde 125m
Co-chomharran 06° 29' 35' Tuath
74° 24' 26' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,184 km²
Àireamh-shluaigh 38,935 (2005)
Dlùths 32.88/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a th' ann am Puerto Berrío. Tha e suidhichte dìreach ri taobh na h-aibhne Mhagdalena, air an àirde an ear na roinne, aig 125m os cionn ìre na mara agus 192km air falbh bho Mhedellín. 'S e baile le gnàth-shìde gu math teth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 29˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1875.

Freumhan an Ainm deasaich

'S e Remolino Grande (Coilleag Mhòr) a' chiad ainm a bha air an aite sin, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Remolino (Coilleag)[3] agus Grande (Mòr), bhon fhacal Grandis ann an Laideann.[4] Tha am baile suidhichte ri taobh na h-aibhne Mhagdalena. 'S ann à ainm an Riaghladair Pedro Justino Berrío, a bhrosnaich leasachadh na sgìre, a thàinig an t-ainm a tha air a' bhaile an latha an-diugh.[5]

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 38,935 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 4,760 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Puerto Berrío, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 12.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 85.8% dhe na daoine ann an Puerto Berrío leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig 56% dhe na dachannan.[8]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Puerto Berrío. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Real Academia de la Lengua
  5. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Puerto Berrío