'S e inneal dealbhaidh a tha ann am protractair, san cruth de cearcall neo leth-chearcall de stuth tana, gu h-àraid plastaig trìd-shoilleir. Bithidh "làr" (neo puing làraich) sgrìobta aig meadhan a' chearcaill agus ceuman (aonad tomhais nan uilnean) sgrìobta mun chuairt.

Protractair 360°

Tha cruth an inneal freagarrach ri:

  • Tomhais den uilne eadar da loidhne sgrìobta air pìos pàipeir, agus a' gearradh a chèile. Cuirear làr a' phrotractair air a' phuing ghearraidh, agus bun loidhne a' phrotractair (Ceum=o) air tì de na loidhnichean.
  • Ri togail uilne, cuirear làr a' phrotractair aig an aite far am bithidh ceàrnag an uilne stèidhichte, agus le bun-loidhne a' phrotractair na laighe air (aon) cas de an uilne, Comharraichear puing an làr air a' phàipear - le peansail biorach neo prìne, agus comharraichear puing eile aig riomb a' phrotractair, tomhaiste le sgal nan ceum. Tog am protractair far a' phàipeir agus tarrainn loidhne eadar an da phuing le riaghailt.
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: