Port Phàdraig

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Port Phàdraig fhèin[1]
Co-chomharran 54° 51′ 00″ Tuath
05° 07′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 585 (2001)
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròin Reamhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Phàdraig (Beurla/Beurla Ghallta: Portpatrick). Tha e suidhichte eadar ìre na mara shìos air a' chidhe agus 35m shuas air a' bheinn[3] ann an cridhe nan Rannaibh, eadar A' Ghlac agus Eaglais Steafain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 318km air falbh bho Obar Dheathain, 126km bho Ghlaschu, 100km bho Dhùn Phrìs agus 174km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Phàdraig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à port agus Pàdraig anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]

Eachdraidh deasaich

Chaidh am baile a chlàradh ann an 1646 mar Port Fadrick[9] agus mar Poirt Fadrick ann an 1654,[10] a sheallas cho Gàidhealach 's a bha an t-àite uaireigin. Chaidh a stèidheachadh mar bhaile-iasgaich, air sgàth 's gu bheil port-mara nàdarra aige. Bha aiseagan a' ruith eadar Port Phàdraig agus Èirinn a Tuath airson bathar agus litrichean. Ach aig deireadh na 19mh linn, nuair a chleachdadh bàtaichean nas motha, bha trioblaid aca am port-mara a' ruigsinn air sgàth 's a' ghaoth làidir a tha a' tighinn bhon àirde an iar. Mar sin dheth ghuais an gnìomhachas seo chun an t-Sròin Reamhair. Tha tobhtaichean dhen Dunskey Castle mu leth mhìle deas air Port Phàdraig. Chaidh an caisteal a thogail anns an 16mh linn. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail.[11] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh an sreath telebhisein Two Thousand Acres of Sky fhilmeadh an seo agus ann am Port Neasaig eadar 2001 agus 2003.[12]

Poileataigs deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Phort Phàdraig fhèin a bhuineas Port Phàdraig, a ghabhas a-steach sgìre na mòintich gu tuath. Tha 840 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla a' Bhaile ann am Port Phàdraig. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Gnàth-shìde deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1127mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Phàdraig. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Phàdraig.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 57mm eadar an Cèitean (dìreach 64mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.4 °C.

 

Iomraidhean deasaich

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling rain
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  10. Saint Places
  11. Old Roads of Scotland
  12. Scotland the Movie
  13. A' Chomhairle
  14. LGBC
  15. Climate Data

Ceanglaichean a-mach deasaich