Ged a thòisich iomairt eadar-nàiseanta nam pàircean nàiseanta às dèidh brosnachadh Albannaich ainmeil, John Muir (eilthireach à Dùn Bàrr dha na Stàitean Aonaichte), cha d'fhuair Alba fhèin a' chiad phàirc nàiseanta gu 2002 — Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean (a' gabhail a-steach Na Tròiseachan, Loch Laomainn, Bràid Albainn, agus pàirt de Chòmhall a tuath).

Loch Ceiteirein, Na Tròiseachan

Thàinig an dara pàirc, Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, ann an 2003, ach bha deasbad ann an toiseach mun ainm cheart sa Ghàidhlig. An coimeas ri Beurla, chan e An Càrn Gorm ach aon bheinn anns an t-sreath air a bheil an t-ainm Am Monadh Ruadh.