'S e sreath de phrògraman oifis a tha ann an OpenOffice.org (no OpenOffice leis fhèin) a tha stèidhichte air còd fosgailte. Tha comas air sgrìobhainnean teacsa, cliath-dhuilleagan, taisbeanaidhean, grafaigean is stòir-dhàta a chruthachadh agus tha e ag obair air a' chuid as motha dhe na siostaman-obrach, a' gabhail a-steach Windows, Mac OSX agus Linux.

Suaicheantas OpenOffice

Eachdraidh deasaich

Rugadh OpenOffice mar StarOffice, sreath de phrògraman a chaidh a dhealbhadh le StarDivision aig Sun Microsystems ann an 1999. Chaidh an còd a leigeil mu sgaoil san Iuchar 2000 's iad ag amas air smachd Microsoft Office a lughdachadh 's iad a' toirt ri làimh roghainn eile a tha saor an-asgaidh. Nuair a cheannaich Oracle Sun ann an 2010, sguir iad de thaic mhalairteach a chumail ris a' phròiseact agus thug iad am pròiseact dhan Apache Software Foundation.[1][2]

Dh'èirich deasbad eadar a' choimhearsnachd agus Oracle mus do thachair sin agus stèidhich cuid dhen choimhearsnachd LibreOffice ri linn sin ann an 2011.

Cànain deasaich

Tha OpenOffice ri fhaighinn ann an iomadh cànan, barrachd air 120 dhiubh ann an 2011. Chaidh a' chiad tionndadh Gàidhlig a sgaoileadh ann an 2004 as dèidh do LTS agus Riaghaltas na h-Alba maoineachadh a thoirt seachad airson eadar-theangachadh ach sguireadh dhen leasachadh aig tionndadh 3.0.1 san Fhaoilleach 2009.[3]

Faic cuideachd deasaich

Tùsan deasaich

  1. http://arstechnica.com/open-source/news/2011/04/oracle-gives-up-on-ooo-after-community-forks-the-project.ars
  2. https://web.archive.org/web/20110606030535/http://www.marketwire.com/press-release/statements-on-openofficeorg-contribution-to-apache-nasdaq-orcl-1521400.htm
  3. http://gd.openoffice.org/

Ceanglaichean dhan taobh a-muigh deasaich