B' e Michiel de Ruyter (IPA: miˈχil ˈaˑdrijaˑnˌsoˑn də ˈrœy̆tər, ainm slàn: Michiel Adriaenszoon de Ruyter, Vlissingen, 24 am Màrt 1607 - Bàgh Siracusa, 29 an Giblean, 1676) seòladair agus àrd-mharaiche às Na Tìrean Ìsle. Chaidh e gu muir nuair a bha e dìreach 11 bliadhna a dh'aois agus,[1] mean air mhean thigeadh e air adhart: 1633 na leas-chaiptean, 1637 na chaiptean, 1654 na leas-àrd-mharaiche, 1654 na àrd-mharaiche. Bha e cho mhòr-chòrdte leis na maraichean sa chabhlach gun do chuireadh am far-ainm Bestevâer (Duitsis: seanair) air.

Michiel de Ruyter
Beatha
Breith Vlissingen, 24 dhen Mhàrt 1607
Dùthaich Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte
Àite-fuirich Residence of Michiel de Ruyter (en) Translate
Ciad chànan Duitsis
Bàs Syracuse (en) Translate, 29 dhen Ghiblean 1676
Àite-adhlacaidh tomb of Michiel de Ruyter (en) Translate
Nàdar a’ bhàis  (killed in action (en) Translate)
Teaghlach
Athair Adriaan Michielszoon
Màthair Aelken Jansdochter de Ruyter
Cèile Anna van Gelder (en) Translate  (8 dhen Fhaoilleach 1652 -
Clann
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd oifigear, seòladair, skipper (en) Translate agus sgrìobhadair
Àitichean-obrach Vlissingen agus Amsterdam
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm Staatse vloot (en) Translate
Ìre Àrd-mharaiche
captain (en) Translate
Strì A' Chiad Chogadh eadar na Tìrean Ìsle is Sasainn
Portuguese Restoration War (en) Translate
Second Anglo-Dutch War (en) Translate
Third Anglo-Dutch War (en) Translate
Franco-Dutch War (en) Translate
Creideamh
Creideamh Calbhanachas

Thathar dhen bheachd gur e an t-àrd-mharaiche na b' fheàrr a bh' ann a-riamh ann an eachdraidh na dùthcha, agus am fear na b' ainmeile co-dhiù. Bha na rinn e ri linn a' chiad Chogadh Sasainn - Tìrean Ìsle uabhasach cudromach.[2] Bha e an sàs ann an caochladh chogadh san Bhaltach agus an aghaidh Spùinneadaireachd anns a' Mhuir Mheadhanach. Ann an 1672,[3]Bliadhna na Dosgainne, thugadh ionnsaigh air a thaigh, leis gur robh dlùth dàimh ann eadar de Ruyter agus Johan de Witt, a cliamhainn.[4] Bha de Ruyter thall thairis aig an àm. Chaidh De Ruyter a leònadh is e an sàs ann an cath aig Siracusa,[5] far a bhàsaich e.

Phòs e trì tursan: ri Maayke Velders ann an 1631 ach chaochail i taobh a-staigh bliadhna. Ann ann 1636 phòs e ri Neeltje Engels, nighean fhir-mhalairt agus thug i triùir duine-chloinne dha, air an robh Adriaen, Neeltje agus Aelken.[6] Phòs e, mu dheireadh thall, leis a' bhantrach Anna van Gelder ann an 1652 agus fhuair iad nighean còmhla, air an robh Margaretha. A bharrachd air sin bha deagh Ghaeilge aice,[7] leis gun sheòladh e gu Èirinn bho 1623 gu ruige 1631.

Iomraidhean deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Stichting de Ruyter
  2. En Toen
  3. Rijksmuseum
  4. National Historisch Museum
  5. Geschiendenis Zeeland
  6. Stichting de Ruyter
  7. Princeton