Meanbh-chuileag
Culicoides impunctatus
Meanbh-chuileag, Culicoides impunctatus
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Arthropoda
Clas Insecta
Òrdugh Diptera
Teaghlach Ceratopogonidae
Gèineas Culicoides
Spèiseas Culicoides impunctatus
Roinn

Tha a' mheanbh-chuileag (Culicoides impunctatus) (Albais: Hielan Midgie) 'na ghnè de mheanbh-fhrìde itealaich agus fuil-shùgach dhen teaghlach Ceratopogonidae. Gheibhear iad eadar Èirinn is Breatann san iar agus an an t-Sìn san ear. 'S e plàigh a th' annta ann an sùilean na mòrchuid, aig a bheil droch-bhuaidh air turasachd agus àiteachas.[1]

Ainmean deasaich

'S e meanbh-chuileag an t-ainm as trice a chluinnear ach tha ainmean eile orra a-rèir dual-chainnt is sgìre, a' gabhail a-staigh na leanas:

Tha am facal cuileag a' tighinn on t-Seann-Ghaeilge cuil aig an robh an aon chiall, leis an iar-leasachan -ag a chomharraicheas rud beag bìodach agus meanbh mar ro-leasachan (on t-Seann-Ghaeilge menb "beag bìodach") aig an toiseach.[5] Tha am facal cuil a' tighinn on fhreum Innd-Eòrpach *ḱul "gath" agus leis a sin, tha dàimh aige ri faclan mar

Agus, stèidhichte air culex, culícido "co-cheangailte ri cuileagan" san Spàinntis.[6]

'S e míoltóg an t-ainm air sa Ghaeilge[7], on t-Seann-Ghaeilge míltóg, 's e sin míl(ta) "beathach ìochdarach" agus -óg "-ag" - mialtag sa Ghàidlig fhèin. Ann an Gaelg, 's e myn-whaillag "mion-chuileag" (myn + quaillag) no quilleen "cuileag" ('s e sin, "cuil(eag) bheag").[8]

Tuairisgeul deasaich

 
Meanbh-chuileag bhìdeach ann an òmar à Mianmar

'S e a' mheanbh-chuileag am measg na feadhainn as lugha san t-saoghal 's chan eil tè inbheach ach mu 1.5mm a dh'fhaid.[9] Tha sgiathan na meanbh-chuileige breac (rud a dh'adhbharaich an t-ainm Laideann aca (punctatus "dotagach") ach chan eil iad gu feum airson a' mheanbh-chuileag eadar-dhealachadh o fheadhainn eile ach fo ghloine-amhairc[1] Tha iad 1.4mm a leud is na sgiathan làn-sgaoilte aca.[1]

A chionn 's gu bheil e cho doirbh an sgaradh a dhèanamh eadar a' mheanbh-chuileag is feadhainn dlùth an dàimh dhi mar Culicoides cubitalis, 's e anailis rDNA an gleus as cumanta a chleachdar air a shon sin.[1] Tha 37 gnè de mheanbh-chuileagan ann an Alba ach 's e Culicoides impunctatus an tè a nì ionnsaigh air daoine as trice.[10]

Chaidh a' chiad tuairisgeul saidheansail oirre a dhèanamh ann an 1920 leis an fhrìde-eòlaiche Bheilgeach Maurice Emile Marie Goetghebuer san leabhar aige Ceratopogoninae de Belgique[11] ach tha teaghlach nam meanbh-chuileagan air a bhith mun cuairt fad ùine mhòr is feadhainn faisg an dàimh dha Culicoides impunctatus air an lorg ann an òmar a tha mu 120 millean bliadhna a dh'aois san Leabanon.[10]

Raon deasaich

Breatann deasaich

Gheibhear iad an dà chuid air fearann àrd agus ìseal ann an Alba agus taobh tuath na Cuimrigh 's ann as pailte a tha iad ann an iar-thuath na h-Alba eadar deireadh an earraich agus deireadh an t-samhraidh, gu sònraichte ann an àitichean taise mar bhoglaichean is coilltean. Mar is trice, ma tha mòinteach-liath (Sphagnum spp.), frafann (Juncus articulatus), luachair a' bhlàtha ghèir (J. acutiflorus), fianach-gorm (Molinia caerulea) no roid (Myrica gale) mun cuairt (lusan a tha a' comharrachadh talamh uisgeach, bidh meanbh-chuileagan ann.[9][12]

Tha cuid a lusan ann nach fhaighear a' mheanbh-chuileag cho pailt mun cuairt ann, a' gabhail a-staigh raineach (Pteridium aquilinum) agus seòrsachan eile do chòinnteach seach mòinteach-liath.[12]

An corr dhen t-saoghal deasaich

Gheibhear iad cuideachd ann an àitichean freagarrach dhaibh sa chorr de Bhreatann, Lochlann agus sgìrean eile san Roinn Eòrpa, san Ruis agus taobh tuath na Sìne.

Dòigh-bheatha deasaich

 
Cuairt-bheatha de mheanbh-chuileag on ugh, 4 ìrean de larbha, nimfeach agus a' chuileag inbheach

Bidh an fheadhainn bhoireann a' cruinneachadh ann an sgaothan mòra[13] ann an coilltean is boglaichean[14] 's e a' bìdeadh dhaoine agus is iad-san a' chuileag as lugha ann an Alba a nì sin, ged a thig a' mhòrchuid dhiubh beò air fuil cruidh, chaorach agus fhiadh. Air a' Ghàidhealtachd, 's iad crodh a bhìdeas iad as trice (38.4%), fèidh (23.0%), caoraich (9.9%) agus mac an duine (0.3%).[15]

Nì na meanbh-chuileagan boireann inbheach bìdeadh gu math faisg air na h-ionadan sìolachaidh aca (ged a chaidh an lorg suas ri 1km air falbh uapa), agus faisg air an talamh. Is ann sa chamhanaich a thig iad a-mach gu sònraichte[9][16], ach bìdidh iad uair sam bith dhen latha ma tha e sgòthach a chionn 's gur e gainnead solais a thàlaidheas a-mach na meanbh-chuileagan boireann.[9] Cha bhi iad cho beòthail ma bhios a' ghaoth nas luaithe na 6mph no an taisead fo 60-75%.[13]

Togaidh iad fàileadh an cuid seilge suas ri 200m air falbh.[17] 'S e 1-octen-3-ol, fual, phenol, acetone agus CO2 a chuireas iad gu feum airson mothachadh do bheathaichean.[18][19] 'S e CO2 a chuireas iad gu feum airson ionad pongail de bheathach fhiosrachadh.[19]

Tha giallan lannach fiaclach goirid orra a dh'obraicheas cha mhòr mar shiosaran ach nach adhbharaich ach lotan gu math eu-domhain agus ri linn sin, cha dèid aca air bìdeadh tro aodach agus feumaidh iad craiceann a tha ris.[1][9] Tha histamines 'nan smugaid a bhrosnaicheas sruthadh an fhala san lot agus ged a dh'adhbharaicheas sin atadh, cha bhi droch-bhuaidh aice ach air daoine aig a bheil droch-aileirgidhean 'nan aghaidh.[9]

Mur am bris dad a-steach air meanbh-chuileag is i ri sùghadh, togaidh i mu 2µl de dh'fhala ann an 3 no 4 mionaidean.[1] A dh'aindeoin sin, cha leag iad a leas fuil ithe a chum gintinn ciad ghinealach nan uighean.[1] Beiridh meanbh-chuileag bhoireann eadar 30 agus 100 ugh air uachdar tais rè an t-samhraidh agus nochdaidh na larbhachan an dèidh 24 uairean a thìde.[1] Chan eil iad ach leth-uisgeach agus bàthaidh iad ann an uisge fosgailte agus seargaidh iad gu bàs ann an talamh tioram.[9] Ithidh iad cha mhòr rud sam bith, a' gabhail a-staigh nematodes, larbhachan eile, fungi agus lusan agus pronnas lusan.[9] Thèid iad tro 4 ìrean larbhachd agus 's e larbha a tha san cheathramh ìre a mhaireas tron gheamhradh.[1] Cha mhair ìre a' phùpa sa Chèitean no san Ògmhios ach latha no dhà.[1] Ma dh'itheas an fheadhainn fhireann dad, 's ann air flùraichean a thig iad beò agus mairidh an dà dhiubh suas gun Dàmhair ann an Alba.[9]

Galaran deasaich

Faodaidh gun dèid galaran gabhaltach a ghluasad do shealg nam meanbh-chuileagan is iad a' sùghadh fuil, mar eisimpleir Haemoproteus belopolskyi[20] a dh'adhbharaicheas galaran ann an eòin[21]

Bidh iad cuideachd a' giùlan galar epizooticeach fuil-ruitheach nam fèidh (EHD) agus bìoras na teanga ghorm a bhuaileas air ainmhidheach ath-chagnach.[12]

Buaidh na h-aimsire is shealgairean deasaich

 
Mòthanan fo bhlàth agus driùchdan san oisean chlì

Chan eil cus fiosrachaidh mu bhuaidh shealgairean air a' mheanbh-chuileag.[9] Ge-tà, an dèidh geamhraidh 2010 ann an Alba a bha air leth fuar, cha do rinn a' mheanbh-chuileag ach fàs oir is a-rèir coltais cha robh droch-bhuaidh air an àireamh-san aig an fhuachd air a' Ghàidhealtachd ach leis gun do dh'fhulaing na sealgairean aca-san, mar ialtagan is eòin, dh'fhàs an àireamh gu mòr as t-samhradh 2010.[13]

Tha teòirig ann a tha ag ràdh gun robh àireamh nam meanbh-chuileagan fada nas lugha nuair a bha Alba còmhdaichte le craobhan fhathast is uiread an uisge san talamh nas ìsle agus gum mìnicheadh seo gainnead de bheathaichean a dh'itheas meanbh-chuileagan gu sònraichte.[10] Chan ith ialtagan agus eòin mar cheileirichean (Phylloscopus spp.) agus ainleagan-dubha (Apus apus) ach àireamh bheag dhiubh agus ged a ghlacas driùchdan (genus Drosera) agus am mòthan (Pinguicula vulgaris) meanbh-chuileagan, chan eil buaidh fhollaiseach aca uile air an àireamh-se.[10]

A bharrachd air sin, tha luchd-rannsachaidh san Eilean Sgitheanach agus ann an Earra Ghàidheal air dà ghnè de dh'fhìneag dhearg a lorg (Parafeiderium stuarti agus Centrotrombidium blackwellae) aig a bheil larbhachan a tha 'nam faoighichean 's a' tighinn beò air meanbh-chuileagan inbheachd.

Dìon deasaich

Tha ola eucalyptus 'ga cleachdadh mar dhìon on mheabh-chuileag.[22]

A bharrachd air sin, tha buaidh air stuthan a tha fàileadh dhiubh a sgaoileas 1-octen-3-ol no co-thàthaidhean phenol eile no acetone agus CO2. Feumaidh co-dhiù 200ml/mion de CO2 a bhith 'gan sgaoileadh mus bi buaidh agus 's iad ribean fàilidh a sgaoileas 1-Octen-3-ol, fual bà agus CO2 no acetone, fual bà agus CO2 an fheadhainn as èifeachdaiche.[19]

Ann an cultar is cànan deasaich

Tha ìomhaigheag na meanbh-chuileige a' nochdadh gu tric ann an cultar is cànan eadar Èirinn is Alba.

Ainmean-àite deasaich

 
Camas nam Meanbh-chuileag

Tha aon àite ann an Alba a tha air ainmeachadh air a' mheanbh-chuileag sa Ghàidhlig fhèin, Camas nam Meanbh-chuileag, tuath air Àird Lusa air Diùra agus a-rèir beul-aithris, chaidh cuideigin a cheangal ri post ann airson 's gun itheadh na meanbh-chuileagan gu bàs e no i.[23]

Sa chorr dhen dùthcha, tha grunn ainmean-àite Beurla a tha a' toirt iomradh orra mar Midge Hall on t-Seann-Bheurla mycg + halh "oisean mheanbh-chuileagan" ann an Lancashire, Midgham (on t-Seann-Bheurla mycg + hām "tuineachadh mheanbh-chuileagan") ann an Berkshire agus Midgley (on t-Seann-Bheurla mycg + lēah "coille mheanbh-chuileagan) ann an Yorkshire.[24]

Ann an Èirinn, Gleann na Míoltóige ann an Ros Comáin[25] agus Tamhnaigh na Míoltóige ("tamhnach na meanbh-chuileige") ann am Maigh Eo[26] a' toirt iomradh orra.

Beul-aithris is gnàthasan-cainnt deasaich

Tha iad cuideachd a' nochdadh ann an grunn ghnàthasan-cainnte, mar is trice a' riochdachadh rudeigin a tha uamhasach fhèin pailt no beag:

  • dèan pronnadh nam meanbh-chuileag (buail gu dona gus am bi an rud bog maoth)
  • a' sìoladh/marbhadh nam meanbh-chuileag (obair nach gabh crìochnachadh)
  • cho rèidh 's gun òladh meanbh-chuileag deoch dheth (uisge a tha air leth sàmhach rèidh)
  • cho pailt ri meanbh-chuileagan as t-fhoghar (uamhasach pailt)
  • na meanbh-chuileagan ort! (a mhaoidheadh droch-fhortan air cuideigin)
  • ola chas easgann, bainne cìch circe 's geir mheanbh-chuileag, air am measgadh ann an adharc muice, a shuathadh ri smig le ite cait (rud nach eil am bith idir idir)

Tha amaladh-cainnte ann, Seachd tursan gun a dhol air iomrall timcheall earball mheanbh-chuileige - feumaidh tu a chanail seachd uairean ann an aon anail.

Tha am facal ga chleachdadh gu tric san àireamh shingilte sa Ghàidhlig, ged a tha na milleanan dhiubh ann, m.e. tha a' chuileag dona a-nochd, coltach ri tha am buntàta math am bliadhna.

Bàrdachd deasaich

Tha iad a' nochdadh ann am bàrdachd air uairibh, can sa phìos tràth seo le Donnchadh Bàn air a bheil Òran an t-Samhraidh:[27]

Bidh am minnein ùrar meanbh-bhallach,
Gnos tioram air a ghnùis bu sgeinmeile;
Gu mireanach, lùghor, anmadail,
Ri slinnean na h-earb an guailleachan.
Bu chlis feadh phreas mu anmoch iad,
Gu tric fo iochd nam meanbh-chuileag,
Gu sgrìdeil, gibeach, gearr-mhàsach,

An sliochd d' an ainm na ruadhagan.

Sgrìobh Dubhghlas de hÍde dàn ann an Gaeilge mu dhamhan-allaidh agus meanbh-chuileag san 19mh linn a tha gu math ainmeil ann an Èirinn:

Gaeilge Gàidhlig
An Damhan Alla agus an Mhíoltóg An damhan-allaidh agus a' mheanbh-chuileag
Sé dúirt damhán alla le míoltóigín lá:
"Ó! Tar liom abhaile, a chréatúirín bhreá:
Tá grian gheal an tsamhraidh ag damhsa ar mo theach,
Tá ithe 'gus ól ann - nach dtiocfá isteach?"
"Thuirt damhan-allaidh ri meanbh-chuileag latha:
Ò thig dhachaidh còmhla rium, a chreutair bhrèagha:
Tha grian gheal an t-samhraidh a' dannsadh air mo thaigh,
Tha ithe 's òl ann - nach dig thu a-steach?"
Dúirt an créatúr mícheillí ag féachaint isteach:
"Is tú croí na féile, is breá é do theach:
Ach deirtear go mbíonn tú ag ithe 's ag ól
Míoltóigíní mar mise, idir fhuil agus fheoil."
Thuirt an creutair mì-chèillidh, a' coimhead a-steach:
"'S tu cridhe na fèille, 's brèagha do thaigh:
Ach canar gum bi thu ag ithe 's ag òl
meanbh-chuileagan mar mhise, eadar fhuil is fheòil."
Dúirt an damhan alla - is é a bhí glic,
"Is bréag mhór, dar m'anam, an scéal sin, a mhic:
Tá caoireoil, tá mairteoil, tá bainne anseo,
Is an té a bheadh marbh dhéanfaidís beo."
Thuirt an damhan-allaidh - 's e a bha glic,
"'S breug mhòr, air m' anam, an sgeul sin, a mhic:
Tha caor-fheoil, tha mairtfheoil, tha bainne an-seo,
an tè a bhiodh marbh, dhèanadh seo beò."
Bhí an créatúirín meallta le comhrá mar sin,
Dúirt sé, "Tá mé sásta, mar tá tú chomh binn;
Ach ní fhanfaidh mé fada." Chuaigh sé isteach,
Ach níor chuala mé fós gur tháinig amach.
Bha an creutair beag air a mhealladh le còmhradh mar sin,
Thuirt e, "Tha mi sàsta 's tu cho binn;
Ach chan fhuirich mi fada." Chaidh e a-steach

Ach cha chuala mi fhathast gun dàinig a-mach.

San Albais deasaich

Tha i a' nochdadh san Albair mar midge agus mar mheanbhair midgie agus a' riochdachadh an dà chuid na cuileige agus rudeigin no cuideigin a tha beag leibideach.[28] A bharrachd air sin, tha a h-ìomhaigheag a' nochdadh ann am faclan mar midge-merchant "marsanta de rudan beaga" agus midge's knee-buckle "rud a tha do-chreidsinneach beag.[28]

Tha lus, am mìn-fheur (Holcus lanatus), ainmichte orra cuideachd: midge grass.[28]

Tùsan deasaich

  • Hendry, George. Midges in Scotland 4th Edition, Mercat Press, Edinburgh, 2003 ISBN 1-84183-062-3
  1. 1.00 1.01 1.02 1.03 1.04 1.05 1.06 1.07 1.08 1.09 A. Blackwell, A. Ritchie, J. R. Hillman, B. Fenton: Meanbh-chuileag - the Highland biting midge.
  2. 2.0 2.1 2.2 Am Faclair Beag”. Am Faclair Beag.
  3. 3.0 3.1 midge”. DASG.
  4. Dwelly, Edward (1911), Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated Gaelic - English Dictionary Glaschu: Akerbeltz, ISBN 978-1-907165-02-3
  5. 5.0 5.1 5.2 5.3 5.4 MacBain, A. An Etymological Dictionary of the Gaelic Language (1896; 1982 ath-fhoillseachadh) Gairm ISBN 0-901771-68-6
  6. culícido”. Real Academia Española.
  7. Pádraig Ua Duinnín Foclóir Gaeḋilge agus Béarla (1927) Corcaigh
  8. Fockleyreen”. Coonceil ny Gaelgey.
  9. 9.00 9.01 9.02 9.03 9.04 9.05 9.06 9.07 9.08 9.09 Biting midges (Culicoides spp.)”. NàdarAlba.
  10. 10.0 10.1 10.2 10.3 Alan Watson Featherstone (20mh dhen Chèitean 2016): “Highland biting midge (Culicoides impunctatus)”. Trees for Life.
  11. Goetghebuer, Maurice Ceratopogoninae de Belgique (1920) A' Bhruiseal: Hayez
  12. 12.0 12.1 12.2 A. Blackwell, K. A. Lock, B. Marshall, B. Boag, S. C. Gordon: The spatial distribution of larvae of Culicoides impunctatus biting midges.
  13. 13.0 13.1 13.2 'Biting midges in Scotland'”. NàdarAlba.
  14. D. S. Kettle: The spatial distribution of Culicoides impunctatus Goet. under woodland and moorland conditions and its flight range through woodland. ann an: Bulletin of Entomological Research, Leabhar 42, Àireamh 02, Sultain 1951, td. 239–291,
  15. A. Blackwell, W. Mordue: Identification of bloodmeals of the Scottish biting midge, Culicoides impunctatus, by indirect enzyme‐linked immunosorbent assay (ELISA). Ann am: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 8, Àireamh 1, 1994, td. 20–24.
  16. Alison Blackwell: Diel flight periodicity of the biting midge Culicoides impunctatus and the effects of meteorological conditions. Ann an: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 11, Àireamh. 4, 1997, td. 361–367.
  17. Midge”. Down Garden Services.
  18. Blackwell, C. Dyer, A. J. Mordue, L. J. Wadhams, W. Mordue: The role of 1‐octen‐3‐ol as a host‐odour attractant for the biting midge, Culicoides impunctatus Goetghebuer, and interactions of 1‐octen‐3‐ol with a volatile pheromone produced by parous female midges. Ann an: Physiological Entomology, Leabhair 21, Àireamh 1, Màrt 1996, td. 15–19.
  19. 19.0 19.1 19.2 A. Bhasin, W. Mordue: Field studies on efficacy of host odour baits for the biting midge Culicoides impunctatus in Scotland. Ann an: Medical and Veterinary Entomology, Leabhar 15, Àireamh 2, 2001, td. 147–156.
  20. Gediminas Valkiūnas, Tatjana A. Iezhova: The transmission of Haemoproteus belopolskyi (Haemosporida: Haemoproteidae) of blackcap by Culicoides impunctatus (Diptera: Ceratopogonidae). Ann an: Journal of Parasitology, Leabhar 90, Àireamh 1, 2004, td. 196–198
  21. R. Ziegytė, V. Palinauskas, R. Bernotienė, T. A. Iezhova, G. Valkiūnas: Haemoproteus minutus and Haemoproteus belopolskyi (Haemoproteidae): complete sporogony in the biting midge Culicoides impunctatus (Ceratopogonidae), with implications on epidemiology of haemoproteosis. Ann an: Exp Parasitol., Leabhar 145, Dàmhair 2014, td. 74–79.
  22. J. K. Trigg: Evaluation of a eucalyptus-based repellent against Culicoides impunctatus (Diptera: Ceratopogonidae) in Scotland. (PDF) Ann an: Journal of the American Mosquito Control Association-Mosquito News, Leabhar 12, Àireamh 2, 1996, td. 329–330.
  23. Port nam Meanbh-chuileag”. Tobar an Dualchais.
  24. Mills, A. D. Dictionary of English Place-Names Oxford 1991 ISBN 0-19-283131-3
  25. Glennameeltoge or Midgefield”. logainm.ie.
  26. Tamhnaigh na Míoltóg”. logainm.ie.
  27. Aonghas MacLeòid (deasaiche) Òrain Dhonnchaidh Bhàin (1978) Dùn Èideann
  28. 28.0 28.1 28.2 Midge”. Dictionar o the Scotd Leid.

Faic cuideachd deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich