Manachainn Rois

Abaid ann am Manachainn Rois
Suidheachadh
Manachainn Rois is located in Alba
Manachainn Rois
Manachainn Rois (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 46′ 1.59″ Tuath
3° 57′ 20.89″ Iar
Comharradh-clèithe NH837769
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV20 1

'S e clachan air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Manachainn Rois (Beurla: Fearn).[1] Tha e suidhichte mu dhà mhìle (3 km) san àirde an iar-thuath air Baile an Todhair agus mu 8 mìle (13 km) ear-thuath air Inbhir Ghòrdain. Dìreach san ear-thuath tha Baile an Droma.

Nochd ainm a' bhaile mar Nova Farina ann an Laideann[2] agus a-rèir Dwelly chleachd muinntir an àite fhèin an t-ainm "a' Mhanachainn".[3]

Chaidh abaid a stèidheachadh deas air Caolas Dhòrnaich eadar Drochaid a' Bhanna agus Eadardan ann an 1221-1222 no timcheall air 1227 le Fearchar, Iarla Rois.[4] Ach timcheall air 1238 chaidh an abaid a ghluasad gu Manachainn Rois far a bheil i gus an latha an-diugh.[4] Chaidh i a leasachadh is ath-thogail eadar 1338 is1372 agus a-rithist anns an 15mh linn. Tro na bliadhnaichean dh'fhàs clachan beag faisg air an abaid, ach an-diugh chan eil taighean dlùth timcheall air an abaid ann tuilleadh.[4] Ann an 1742 bha tubaist ann, thuit mullach na h-abaide sìos am broinn na h-eaglaise. Chaidh mu 50 duine a mharbhadh, ach ann an 1771 bhathar a chàradh an abaid a-rithist.[5]

Stèisean-rèile Mhanachainn Rois

Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Inbhir Ghòrdain agus Baile Dhubhthaich leis an ainm Fearn/Manachainn Ros, ach tha e suidhichte iar air agus nas fhaisge air Baile an Droma.[6][7][8] Chaidh an stèisean-rèile a thogail ann an 1864 le Joseph Mitchell agus Murdoch Peterson; an-diugh tha e clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B.[9]

Iomraidhean deasaich

  1. Manachainn Rois / Fearn”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-àite", Pàrlamaid na h-Alba, duilleag 48
  3. Faclair Dwellys
  4. 4.0 4.1 4.2 Fearn Abbey”. Canmore. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
  5. FEARN ABBEY(Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
  6. Scotrail: Station Names 2015”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
  7. Fearn”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2016.
  8. Stèisean-rèile Mhanachainn Rois - Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH813781
  9. FEARN RAILWAY STATION(Beurla). Clàr den Àrainneachd Eachdraidheil. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach deasaich