Tha Màiri Nighean Alasdair Ruaidh (c.1615 - c.1707) ainmeil mar bhàrd Ghàidhealach an seachdamh linn deug.[1]

Màiri Nighean Alasdair Ruaidh
Beatha
Breith Ròghadal, 1615
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich Dùn Bheagain
Muile
Bàs 1707
Fine Clann MhicLeòid
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd agus sgrìobhadair
Gnè ealain bàrdachd

A Beatha deasaich

Chan eil cinnt càite an do rugadh no an do thogadh Màiri Nighean Alasdair Ruaidh (c.1600), no Màiri NicLeòid, ach bha ceanglaichean aice ris na Leòdaich anns an Eilean Sgitheanach agus anns na Hearadh agus tha e coltach gun do chuir i seachad a beatha eadar an dà àite. Tha cuid den bheachd gun do rugadh i ann an Ròghadal, Hearadh, ach cuid eile gur e ban Sgitheanach a bh' innte.[2]

Bha Màiri na banaltram ann an taigh MhicLeòid Dhùn Bheagain agus dh'altruim i còignear cheann-cinnidh Leòdach. Cha b' ann mu na Leòdaich a tha an dàn as tràithe a th' againn bhuaipe, ge-tà, ach mu fear de chlann Choinnich na Comraich, a bha cuideachd air altruim aig Màiri. Chaidh an dàn sin a dhèanamh ann an 1646 agus chan eil lorg againn air a' chòrr den bhàrdachd aig Màiri gu 1671, nuair a rinn i marbhrann do Iain Garbh Ratharsaigh an dèidh dhà bhith air a bhàthadh.

Tha beul-aithris ag innse gun deach Màiri agus fear de chinn-chinnidh nan Leòdach a-mach air a chèile agus gun robh i air a cur do dh'Eilean Scarbaigh, faisg air Diùraidh agus air Coire Bhreacain, mar pheanas. Chan eil e air innse ge-tà dè an eucoir a rinn i ach tha cuid a' cumail a-mach gur dòcha gur ann a chionn 's gu robh i a' moladh Sir Tormod Bheàrnaraigh cus, no nach robh e ga mheas iomchaidh gum biodh boireannach a' dèanamh bàrdachd-molaidh mar a bha Màiri. Tha beul-aithris cuideachd ag innse gun robh Màiri air a tìodhlacadh air a' beul-fodha, mar a bha na Lochlannaich a' tìodhlacadh bhuidsichean. Tha an aon sgeulachd ann am Eilean Mhuile mun a' bhana-bhàrd Maighrearad Nighean Lachlainn.

A Bàrdachd deasaich

A-measg nan dàn as ainmeile aig Màiri tha:

  • An Crònan
  • An Tuireadh
  • Ri Fuaim an Taibh
  • Luinneag MhicLeòid
  • Cumha do Shir Tormod
  • Marbhrann do Shir Tormod
  • An Talla am bu ghnàth le MacLeòid
  • Marbhrann do Fhear na Comraich
  • Marbhrann do Iain Garbh

Seo earrann dhen Marbhrann do Shir Tormod:

Dh'fhalbh mo shòlas:
Marbh mo Leòdach
Calma cròdha
Meanmach ròghlic;
Dhearbh mo sgeòil-sa
Seanchas eòlais
Gun chearb foghlaim:
Dealbhach ròghlan t-èagasg.[3]

Tha ritheam gu math làidir ann am bàrdachd Màiri agus a-rèir beul-aithris 's i cuideachd a rinn grunn òran-luaidh a th' air an cruinneachadh anns an leabhar 'The Gaelic Songs of Mary MacLeod'.

Chan eil cinnt cuid a bhàsaich Màiri. Rinn fear de Chlann 'IcRuimein, pìobairean MhicLeòid Dhùn Bheagain, cumha-pìobaireachd dhith.

Clàr-leabhar deasaich

  • Ruairidh MacThòmais. An Introduction to Gaelic Poetry. Dùn Èideann, 1990.
  • Uilleam MacBhàtair. Bàrdachd Ghàidhlig. An Comunn Gaidhealach, 1976.
  • Gaelic Songs of Mary MacLeod. Scottish Gaelic Texts Society, 1982.

Iomraidhean deasaich

  1. Thomson, Derick S. (1994). The Companion to Gaelic Scotland Glasgow: Gairm, 193
  2. http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/mairi_nicleoid_mairi_nighean_alasdair_ruaidh/?lang=gd
  3. http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/mairi_nicleoid_mairi_nighean_alasdair_ruaidh/?lang=gd

Ceanglaichean a-muigh deasaich