Co-chomharran: 56°35′36″N 4°45′01″W / 56.593331°N 4.750409°W / 56.593331; -4.750409

'S e loch ann an Alba a tha ann an Lochan na h-Achlaise neo Lochan na-Hachlich.[1] Tha e suidhichte ann am Mòinteach Raineach air a' Ghàidhealtachd. Tha Loch Bà san àird a tuath dheth agus Lochan na Stainge is Loch Buidhe san iar-tuath.

Sealladh bhon rathad air Lochan na h-Achlaise. Air a chùlaibh tha Loch Buidhe ri fhaicinn anns a' mheadhan agus Lochan na Stainge air an làimh dheas
Suidheachadh
Suidheachadh
Lochan na h-Achlaise
Suidheachadh Lochan na h-Achlaise air a' Ghàidhealtachd

Tha an loch mu 0.8 mìle (1.28 km) a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na 0,75 mìle (1.2 km) aig an àite as leathainne. Tha cumadh gu math neo-chothromach aige. San fharsaingeachd tha e mu 580 slat (531 m) a leud. Tha Lochan na h-Achlaise cho mòr ri 183 acair agus tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri beagan nas motha na mìle ceàrnagach (2.59 km²). 'S e 9.5 troigh (2.89 m) an domhainneachd mheadhanach aige le 28 troigh (8.5 m) aig an àite as doimhne.[1]

Tha bàrr uisge an locha mu 771 troigh (235 meatair) os cionn na mara. Tha torr eileanan mòra is beaga ann an Lochan na h-Achlaise. Sruthaidh an t-uisge a-mach às an loch seo chun an ear-thuath tro allt fo dhrochaid A82 do Loch Bà.

Tha an A82 a' dol seachad air taobh an ear an locha.

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Tay Basin", td 61-62, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: