'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an litium le samhla Li agus àireamh atamach 3.[2]

Litium
Litium ann an ola.
Clàr pillteach
H He
Li Be B C N O F Ne
Na Mg Al Si P S Cl Ar
K Ca Sc Ti V Cr Mn Fe Co Ni Cu Zn Ga Ge As Se Br Kr
Rb Sr Y Zr Nb Mo Tc Ru Rh Pd Ag Cd In Sn Sb Te I Xe
Cs Ba * Hf Ta W Re Os Ir Pt Au Hg Tl Pb Bi Po At Rn
Fr Ra ** Rf Db Sg Bh Hs Mt Ds Rg Cn Nh Fl Mc Lv Ts Og
* La Ce Pr Nd Pm Sm Eu Gd Tb Dy Ho Er Tm Yb Lu
** Ac Th Pa U Np Pu Am Cm Bk Cf Es Fm Md No Lr
Buadhan
Samhla Li
Àireamh 3
Buidheann 1, meatailt alcalaidh
Ùine 2
Bloca s
Seòrsa Meatailtean alcalaidh
Buadhan stuthach
Dath Airgead
Teothachd leaghaidh 453.65 K ​(180.50 °C, ​356.90 °F)
Teothachd goilidh 1603 K ​(1330 °C, ​2426 °F)
Buadhan atamach
Tomad atamach/Da 6.938–6.997[1]
Comh-dhealbhadh atamach [He] 2s1
Cor ogsaideachaidh +1, –1
1mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 520.2
2mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 7298.1
3mh lùth aidheonachaidh/kJ mol–1 11815.0

'S e meatailt alcalaidh a tha ann, agus tha e soladach aig teòthachd sheòmair. Tha ceimigeachd na litium coltach ri ceimigeachd an sodium, potasium is eileamaidean eile anns a' chiad cholbh a' chlàr pillteach. Tha e lasanta agus e ag iom-obrach gu luath cuide ri uisge, mar sin taisgear e mar as trice fo ola.

Lithium battery

Tha dà iosatòp seasmhach agus nàdarra aig litium, 6Li agus 7Li.

Taisgealadh deasaich

Ann an 1817 lorg Johan August Arfwedson eileamaid ùr ann an peatalait. Dh'ainmhich Jöns Jacob Berzelius e litium air a' Greugach λίθος, no "clach".[3] Ann an 1821 rinn William Thomas Brande lithium fìor-ghlan nuair a chuir e sruth dealain tro litium ogsaid.

Cleachdadh deasaich

Cleachdar litium ann am bataraidhean, ann an crèis agus ann am puisteal is glainne. Tha i a' lùghdachadh teòthachd leaghaidh na glainne.

Iomraidhean deasaich

  1. http://www.ciaaw.org/atomic-weights.htm
  2. litium”. An Seotal. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2017.
  3. ChemViews (12mh dhen Fhaoilleach 2017): “225th Birthday: Johan August Arfwedson,” ann an: ChemPubSoc Europe agus Wiley (Foills.): Chemistry Views. Air a thogail 3s dhen Mhàrt 2019.