B' e saighdear agus ceannsaiche às An Spàinn (Castilla) a bh' ann an Jorge Robledo (Úbeda, mu 1500 - La Merced, 1546). Rugadh e ann an Jaén, tè dhe na h-ochd roinnean ann an Andalusia ann an ceann a deas na Spàinne an latha an-diugh, ach chan eil cinnte againne air ceann-latha a bhreith, ach bha freumhan flaitheil aige. Phòs e aig María de Carvajal y Mendoza.[1] Bha e na cheann-feachdan anns na cogaidhean anns An Eadailt, far an do bhuannaich na Spàinnteach. Cha robh àite aige ann an ceannsachaidhean an t-Saoghail Ùire anns an sgìre Paisa ann an Coloimbia a-mhàin. Bha e eadar an fheadhainn a rinn taisgleadh Nueva Galicia cuideachd (far a bheil sgìre mòra Mheagsago an latha an-diugh),[2] bha e an sàs anns a' cheannsachadh Ghuatemala, Cath Cajamarca ann am Pearu, agus 's dòcha gun do dh'aontaich e fhèin leis an airm aig Sebastián de Belalcázar, is iad a' sìreadh Eldorado. Stèidhiche e Santa Fe de Antioquia.

Jorge Robledo (ceannsaiche)
Beatha
Breith Úbeda, 1500
Dùthaich Crùn na Castilla
Bàs Alto de Pozo (en) Translate, 5 dhen Dàmhair 1546
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (dì-cheannachadh)
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd taisgealaiche agus luchd an airm
Far-ainmean El Mariscal agus Conquistador de Antioquia
Seirbheis san arm
Ìre captain (en) Translate
marasgal
Strì Italian War of 1521–1526 (en) Translate
Battle of Cajamarca (en) Translate

Iomraidhean deasaich

  1. Geni
  2. Banrepcultural