Inbhir Theòrsa

Sealladh air Inbhir Theòrsa
Suidheachadh
Inbhir Theòrsa is located in Alba
Inbhir Theòrsa
Inbhir Theòrsa (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Co-chomharran 58° 35′ 45.6″ Tuath
3° 31′ 15.6″ Iar
Comharradh-clèithe ND115685
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 7,933 (2011)
Àireamh fòn 01847
Còd-puist KW1

An dàrna baile aig Gallaibh, tha Inbhir Theòrsa[1] air oirthir a tuath na h-Alba beagan mhìltean an iar air Taigh Iain Ghròt. 'S e am baile nas tuaithe a tha ann air tìr-mòr na h-Alba, 20 mìle bho Inbhir Ùige, am baile nas fhaisge. Chìthear Arcaibh bhon bhaile. Tha Abhainn Theòrsa a' sruthadh tron bhaile agus gheibhear mòran bhradain ann[2].

Bha am baile na phort cudromach bho linn nan Lochlannach chun an 19mh linn. Tha pàirt den bhaile, eadar Davidson‘s Lane is Shore Street agus eadar Duncan Street is an abhainn na raoin-ghlèidhteachais[3].

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Theòrsa anns a’ bhliadhna 2010.

Daoine ainmeil deasaich

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Ainmean-Àite na h-Alba AÀA:T (duilleag sàbhailte aig Archive.org 27 Dàmhair 2015)
  2. Lord Thurso puts his famous salmon river up for sale at GBP 2m”. The Scotsman, air a thogail aig HighBream Research. Air a thogail 7 an t-Ògmhios 2015.
  3. Thurso(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
  4. FIFA