Ibiza
'S e eilean Spàinnteach agus aon de na h-Eileanan Balèarach a tha ann an Ibiza (IPA: [iˈβ̞iθa] Spàinntis; Catalanais Eivissa IPA: [əiˈvisə] neo [əiˈβisə]).
Tha Ibiza suidhichte anns a’ Mhuir Mheadhanaich mu 80 cilemeatair air falbh bho oithir na Spàinne. Tha e cho farsaing ri 571.04 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2006 bha 113,908 de shluagh ann le dluths aig àireamh 199.5 duine gach km².
Tha Ciutat d’Eivissa (Baile Eivissa) na phrìomh-bhaile agus am baile as motha. Tha Santa Eulària des Riu agus Sant Antoni de Portmany nam bailtean mòra eile.
'S e Atalaya a’ bheinn as àirde ann an Ibiza, tha i 476 meatair a dh’àrd.
Tha Ibiza aimeil airson pàirtidhean is beòthalachd-oidhche. Canar gur e am “Privilege” faisg air San Rafael, an “Night club” as motha air feadh an t-Saghail. Air an làimh eile tha cuid as motha an eilein dìonta leis an UNESCO mar dualchas na cruinne.
Sgìrean deasaich
Tha còig sgìrean ann an Ibiza. Seo iad (deiseal bhon àird a deas):
- Sant Josep de sa Talaia
- Sant Antoni de Portmany
- Sant Joan de Labritja
- Santa Eulària des Riu
- Baile Ibiza (Eivissa/Vila)