Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикгоф) (Mosgo, 3 an t-Iuchar 1869 - Cille Chuimein, 5 an Lùnastal 1950[1]) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891.[2] Rugadh e ann am Mosgo agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.[3] Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.[3] Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.[3]

Henry Dieckhoff
Beatha
Breith Moscobha, 3 dhen Iuchar 1869
Dùthaich Impireachd na Ruise
Bàs Cille Chuimein, 5 dhen Lùnastal 1950
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, sagart agus faclairiche
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Abaid Chille Chuimein

Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig Ghleanna Garradh a dh'fhoillsich e san fhaclair aige A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic.[4] Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.[3] Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san tuiseal ainmneach a-mhàin ach san tuiseal ghinideach cuideachd a thaobh nan ainmearan.

B' fheudar dha na dotairean a leth-chas a thoirt dheth ann an 1947 agus cha b' urrainn dha coiseachd an dèidh sin. Thòisich e air sgeul a bheatha a sgrìobhadh an uairsin is chaochail e ann an 1950.[3]

Tùsan deasaich

  1. ScotlandsPeople
  2. Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 Boy from Moscow on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950
  4. Dieckhoff, H. A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic (1932)

Ceanglaichean a-mach deasaich


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth