‘S e baile beag ann am Boyacá, Coloimbia,[1] a th' ann Guateque. Tha e suidhichte aig 1,815m os cionn ìre na mara, 125km air falbh bho Thunja, prìomh-bhaile na roinne, agus 112km bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th’ ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1636.

Guateque
municipality of Colombia, toponym
Cur air cois28 dhen Fhaoilleach 1636 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deEastern Boyacá Province Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailEastern Boyacá Province, Boyacá Deasaich
Domhan-leud is -fhad5°0′21″N 73°28′23″W Deasaich
Cànan obrach no ainmChibchan Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.guateque-boyaca.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 3,036 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Guateque, ach tha 0.7% dhe Tùsanaich agus 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Guateque leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 37.8% dhe na dachannan.[4]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guateque. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Colombia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. Country Studies: Colombia