Goillspidh

Suidheachadh
Goillspidh is located in Alba
Goillspidh
Goillspidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Cataibh
Co-chomharran 57° 58′ 12″ Tuath
3° 58′ 12″ Iar
Comharradh-clèithe NC829000
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,407[1] (2011)

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Goillspidh (Beurla: Golspie).[2] Tha am baile suidhichte anns an t-siorrachd traidiseanta Cataibh air cladach Linne Mhoireibh. Tha e aig cois Beinn a’ Bhragaidh.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 1,404 duine a' fuireach an seo[3] agus 1407 ann an 2011.[1]

Tha stèisean-rèile aige a bha air fhosgladh 28 an t-Iuchar, 1874. Tha e air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Sgìre Raoird agus Caisteal Dhùn Robain, mu mhìle mu thuath air Goillspidh.[4]

Rinn Nancy Dorian, cànanaiche às na Stàitean Aonaichte rannsachadh mu ìre na Gàidhlig aig na daoine na bha a' fuireach an seo.[5]

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Goillspidh anns na bliadhnaichean 1977 agus 1995.

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. Golspie/Goillspidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Iuchar 2018.
  3. Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Golspie”. Rèile na h-Alba. Air a thogail 31mh dhen Dùbhlachd 2016.
  5. Dorian, Nancy (1978): East Sutherland Gaelic: The Dialect of the Brora, Golspie, and Embo Fishing Communities. Dublin Institute for Advanced Studies. 

Ceanglaichean a-mach deasaich