‘S e gleann àrd le dam anns an ìochdair, shuas anns na Beanntann a Deas, faisg air Dùn Phrìs a th’ann Gleann na Cille. Tha e suidhichte aig 158m os cionn ìre na mara, dìreach 12km air falbh bho Dhùn Phrìs fhèin,[1] iomradh OS NX8477.[2] Tha am pàirc deilbhidh ann an Gleann na Cille uabhasach ainmeil aig ìre eadar-nàiseanta.

Iasgach deasaich

‘S e dam làn fìor uisge a th' ann an seo agus dh’fhaodadh iasgach a dhèanamh le cead bho na h-ùghdarrasan ionadail.[3] Tha uisge an locha a’ sruthadh shìos gu ruige na mara (agus an Abhainn Nead) tron Allt Cluden.[4]

Pàirc deilbhidh deasaich

Chaidh cruinneachadh dhe deilbheadh a chur air dòigh an seo leis na Keswick, uachdairean na sgìre ann an 1951.[5] Bha iad dlùth air Henry Moore agus bhrosnaich e iad gus an gnothaich sin a dhèanamh. Tha ceithir pìosan le Henry Moore ann:[6] An Rìgh is a' bhànrighinn (1955), Cros Gleann na Cille (19551956), shuas air a’ chnuic, Duine na Sheasamh (1950) agus Duine na laighe àireamh a dhà (1959) a bharrachd air Eòin Baistidh, obair a rinn Auguste Rodin ann an 1878, aig toiseach tòiseachaidh a dhreuchd. Tha A’ Chuairt, a rinn Jacob Epstein ann an 1926 an seo cuideachd.[7]

Rothaireachd deasaich

Tha Gleann na Cille na phàirt lìonra roinneil rothaireachd Dhùin Phrìs is na Gall-Ghàidhealtachd.[8] Tha Cearcall Gleann na Cille dìreach dà uair a thìde bho agus air ais gu Dùn Phrìs.[9] Tha na rathaidean gu math aonaranach an seo agus tha deagh shoighnichean ann cuideachd.

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Global Feed Distance Calculator
  2. Geograph
  3. Online Fishing
  4. Scottish Places
  5. Scotsman
  6. The Walking Englishman
  7. Visit South West Scotland
  8. Comhairle Roinneil
  9. Cycle Routes