Glaschu Ceilbhinn (Sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

Is e tè den 73 sgìrean Pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh aon Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam àireamh bhòtaichean as motha a tha ann an Glaschu Ceilbhinn. Tha e na phàirt den roinn-Phàrlamaid na h-Alba Glaschu, tè den 8 roinnean-pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh seachd Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam riochdachadh co-roinneil.

Glaschu Ceilbhinn
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Taigh an Ròid
Ball Kaukab Stewart BPA
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh 36,044
Mòr-chuid 5,458
Chan e seo an aon rud ri Glaschu Ceilbhinn (sgìre Phàrlamaid Westminster).

Tha an sgìre na laighe gu tuath air Abhainn Chluaidh, a' còmhdaichte Partaig an taobh an iar, Ceilbhinn a Tuath an taobh a tuath, Townhead an taobh an ear agus na ceàrnan eatorra. Tha e a' còmhdaichte nan uàrdan Baile Aindrea/Am Baile agus Ceann a' Chnuic buileach agus phàirtean de na uàrdan Partaig an Iar agus An Canàl.

Tha teis-meadhan Ghlaschu anns an sgìre seo, còmhla ri Gailearaidh is Taigh-tasgaidh Kelvingrove, a' chathair-eaglais agus na trì oilthighean Ghlaschu, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Srath Chluaidh agus Oilthigh Chailleannach Ghlaschu. San fharsaingeachd 's e sgìre nas beartaiche anns a bhaile a tha innte. Aig àm a' chunntais-sluaigh ann an 2021 bha 94,051 daoine a' fuireach ann.[1]

Buill Phàrlamaid na h-Alba deasaich

Taghadh Ball Partaidh Mòr-chuid Àireamh-bhotaidh
2021[2] Kaukab Stewart Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 5458 36044
2016[3] Sandra NicIlleBhàin Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 4048 28442
2011[4] Sandra NicIlleBhàin Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 882 24548
2007[5] Pauline NicNèill Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 1207 23500
2003[6] Pauline NicNèill Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 3289 22080
1999[7] Pauline NicNèill Pàrtaidh Làbarach na h-Alba 4408 28362

Ceanglaichean a-mach deasaich


Iomraidhean deasaich

  1. Glasgow Kelvin”. statistics.gov.scot. Air a thogail 18mh dhen t-Sultain 2023.
  2. Glasgow Kelvin - Scottish Parliament Constituency”, BBC. Air a thogail 18mh dhen t-Sultain 2023. 
  3. BBC: Glasgow Kelvin (Beurla)
  4. BBC: VOTE 2011 (Beurla)
  5. Pàrlamaid na h-Alba: Falkirk East to Livingston, 2007 (Beurla)
  6. Pàrlamaid na h-Alba: Falkirk East to Livingston, 2003 (Beurla)
  7. Pàrlamaid na h-Alba: Falkirk East to Livingston, 1999 (Beurla)