Giuthas
Maritime Pine (Pinus pinaster)
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Fìleam Pinophyta
Clas Pinopsida
Òrdugh Pinales
Teaghlach Pinaceae
Gèineas Pinus
Fo-ghèineas Strobus

Ducampopinus
Pinus

Ainm saidheansail
Pinus (Carolus Linnaeus)

'S e craobh-dhuircein a th' anns a' ghiuthas, maille ris an spruis, làrag, an seudar is iomadh seòrsa giuthais eile.

Alois Kirnig

A' chraobh deasaich

'S e giuthas Alba, giuthas nam mòrshliabh, aon chraobh a chinneas gu nàdarrach ann an Alba. Cuirear dealachadh eadar giuthas Alba 's giuthas eile le cumadh na duilleig. Tha i na càraid chaola, ceangailte ri chèile aig am bun, agus mu 3 òirlich air fad.

Ruigidh i 100 troigh a dh' àirde, agus còrr is 12 troigh timcheall a bun. Seasaidh i còrr is 300 bliadhna, ach mar as trice, ghearrar sìos i nuair a ruigeas i 50 bliadhna.

Nuair a chuireas craobhan òga, 's ann a bhios iad air an cur nan grunnan dlùth air a chèile ach am fàs iad dìreach suas gun fhiaradh 's air feum an obair saoirsinneachd.

Tuitidh duilleach na craoibhe aig ceann gach dara bliadhna 's aig a' cheart àm, tha an duilleach ùr deiseil, mar sin chan eil na meanglain lom aig àm sam bith. Tha dà sheòrsa dhuircein air gach craobh, cuid fireann 's cuid eile boireann. Tha an fheadhainn fireann cairteal òirlich air fad le poilean nam broinn. Tha fras na craoibhe annta agus bheir e còrr is bliadhna ga abachadh. Tha an fheadhainn boireann nas motha air cumadh uighe agus tha 3 anns gach cròilean.

Fosglaidh lannan gach duircein aig toiseach an t-samhraidh. Sguabaidh an osag a' mheanbh-mhìn (poilean) bhon fhlùr fhireann, còmhdachaidh e an sìol a tha a-nis abaich agus a bhios air a sgapadh thall 's a-bhos leis a' ghaoith. Tha gach gràinne sìl air uidheamachadh airson an turais le sgiath bheag thana agus gach smùirnean poilean cuideachd le dà bhalg ga aotromachadh.

Eachdraidh na craoibhe deasaich

Alba deasaich

Bha giuthas a' dlùth-chòmhdach na tìre, eadar Gleann Lìobhann is Raineach gu ruige srathan Chataibh san taobh tuath, agus an ear gu crìochan Bhràigh Mhàirr.

An-diugh, tha mòran den fhonn seo fo mhòine, ach gheibhear fhathast bunan mòra san riasg, far an robh uaireigin na craobhan maiseach mòra sin.

An Fhraing deasaich

San Fhraing, bha mòr spèis aca do chraoibh. Mar eisimpleir, rinn Naomh Màrtainn (337-400 A.D) airson na doirean giuthais a ghearradh sìos ach rinn an sluagh connspaid cho mòr na aghaidh, 's gum b'fheudar dha na craobhan fhàgail nan seasamh.

A' Ghearmailt deasaich

Bha e na chleachdadh aig an òigridh, an àm fèistean àraidh, dannsa a dhèanamh mun cuairt craoibhe giuthais, agus laoidhean a sheinn nach buineadh idir don Chreidimh Chrìostaidh. Bha a' chraobh cuideachd air a sgeadachadh le coinnlean, flùran, ubhlan agus liùghagan. Bha iad den bheachd gu robh spiorad beò a-measg nam meanglan a bheireadh dhaibh gach miann a lùigeadh iad san dol mun cuairt. (B'e seo toiseach cleachdadh sgeadachadh na craoibhe nollaig le tiodhlacan don chloinn agus tha an Naomh Neacail a' gabhail àite seann spiorad na craoibhe.)


Iomradh deasaich

Gairm, Vol 15

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: