Germinal
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Émile Zola
Bliadhna Foillseachaidh 1885
Cànan Fraingis
Dùthaich An Fhraing
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail Sòisealta, Nàdarras
Cuspair Stailcean
Suidhichte Ceann a Tuatha na Frainge

'S e nobhail Fraingis air a sgrìobhadh ann an stoidhl air a bheil nàdarras leis an ùghdar Émile Zola, a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1885 's a th' ann an Germinal. Thathar a' beachdachadh gur e an annas-làimh aig Zola. 'S e an treas leabhar deug anns an t-sreath Les Rougon-Macquart - Nana nam measg - 's a th'ann. Tha an sgeulachd mu dheidhinn na beatha truagh is na bochdainn aig coimhearsnachd de mhèinneadairean anns an Fhraing mu thuath, stailc mhì-shealbhach far am feuch na mèinneadairean a leasachadh an suidheachadh, agus iarbhail na stailc. Anns an nobhail, bithidh Zola a' toirt luaidh air teoiricean ginteil a mhìneachadh gnìomhan a' phrìomh-charactar, Étienne Lantier. Tha tiotal an leabhair, Germinal, a' toirt iomradh air mìos an earraich anns a' mhìosachan Frangach poblachdail, mìos a tha a' samhlachadh ath-ùrachaidh agus, mar sin, dòchas airson àm as fheàrr ri teachd.

Ceanglaichean a-mach deasaich