B’ e Eustorgio Salgar Moreno fear-lagha, neach-poileataigs, saighdear agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia;[1] rugadh e ann am Bogotá 1 an t-Samhain 1831 agus chaochail e an suid fhèin 25mh an t-Samhain 1885. Bha e na bhall Pàrtaidh Libearalach Choloimbia agus na Cheann-suidhe Stàitean Aonaichte Choloimbia eadar 1870 agus 1872. ‘S e am pearsa na b’òige a bhith ga thaghadh Ceann-suidhe Choloimbia a-riamh a bh’ann.[2][3]

Eustorgio Salgar
Ceann-suidhe Choloimbia

1 dhen Ghiblean 1870 - 1 dhen Ghiblean 1872
Santos Gutiérrez Prieto - Manuel Murillo Toro
Beatha
Breith Bogotá, 1 dhen t-Samhain 1831
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 25 dhen t-Samhain 1885
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus dioplomat
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

Beatha deasaich

Thoisich e a beatha anns a’ phoileataigs gu math òg, dìreach an dèidh do cheum a ghabhail aig an Oilthigh Central (Oilthigh Nàiseanta Coloimbia an latha an-diugh) ann an 1851. Rè na ciad bliadhnachan sin anns a’ bheatha poblach bha e na Riaghladair air a’ cheàrn García Rovira (ann an ceann a deas na Roinne Santander) eadar 1853 agus 1855, an uair sin, an dèidh dhan cheàrn sin a thàthadh còmhla ri Pamplona, bha e na Riaghladair a’ cheàrna ùr rè trì bliadhna. Chaidh an Stàit Santander a chruthachadh ann an 1858, agus thug na ceàrnan ceann fodha, agus an uair sin fhuair Salgar àite ann an Seanaid a’ Cho-chaidreachas Ghranada, an t-ainm ùr a fhuair an dùthaich anns a’ Bun-reachd Nàiseanta ùr. Chaidh e a thaghadh ann an 1859 airson na Stàite Santander a riaghladh, aig toiseach toisichidh mar cheann-suidhe eadarach agus an ceann beagan mhìos bha e na cheann-suidhe fhèin. Bhon dreuchd sin, agus dìreach mar gach uile libearalach a bha na cheann-suidhe Stàite, rinn e dùbhlan cruaidh an aghaidh Ceann-suidhe a’ Cho-chaidreachais, an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez. Cho-dhùin esan taic a thoirt dha ar-a-mach nan Tòraidh ann an Santander airson Salgar a chur à cathair na Stàite sin, ach dh’fhàilnich an gnothach, leis cho làidir ‘s a bha taic poblach airson an riaghaltair libearalach òg. ‘S e balach luathaireach a dh’eug aig 54 bliadhna a dh’aois a bh’ann.

Poileataigs deasaich

Nuair a bhris a-mach an cogadh sìobhalta dhe 1860, a dh’adhbhraich Tomás Cipriano de Mosquera, (ceannn-suidhe a’ Chauca agus seann cheann-suidhe na dùthcha), cho-dhùin seann cheann-suidhe na Stàite Shantander taic a thoirt dhàsan. Le sin shabaid e an aghaidh Riaghaltas na dùthcha. Bha an gnothach cho doirbh ‘s gun do ghairm iad an cogadh, ach chaill na daoine à Santander, an dèidh Bhlàr El Oratorio, sa bhliadhna sin fhèin. Chaidh Salgar, an caibineit aige agus na ceannardan libearalach na bu chliùitiche na roinn a chur an greim is a thoirt gu Bogotá. Bhuannaich Mosquera an ath bhliadhna, mu dheiradh thall:, chaich iad a shaorachadh is an uair sin thoisich Salgar cliù poileataigeach aig ìre nàiseanta fhaighinn, is e ga ainmeachadh na Àrd-neach-lagha.

Chaidh Salgar a thaghadh Ceann-suidhe na Stàite a-rithist leis a’ Mhòr-dhail Shantander aig toiseach a’ bhliadhna 1862 agus thill e gu Bucaramanga, prìomh-bhaile na Stàite, nuair a fhuair e an dreuchd sin. An aon bhliadhna fhuair e àrdachadh armachd gu Seanailear an airm. Bha e an sàs anns a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro an ath bhliadhna, is e na leas cathraiche na buidhne; mar thoradh a’ cho-cruinneachaidh, chaidh Riaghaltas iomarra, eadarach a thaghadh, le còignear rùnairean (ministearan) ann, is Salgar nam measg.

Ceann-suidhe na dùthcha deasaich

Thill e gu Riaghaltas na Stàite ann an Santander ann an 1864, ach am bliadhna ud fhèin chaidh e a dh’ainmeachadh Rùnaire a’ Mhaoineachaidh agus an uair sin Tosgair anns na Stàitean Aonaichte, far an robh e a’ fuireach gu 1867. Nuair a thill e dhan dhùthaich bha e na cheann-suidhe ann an Santander airson an ceathramh turas, gus an robh e ga thaghadh ceann-suidhe na dùthcha gu lèir.

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Oifis a' Chinn-suidhe

Ceanglaichean A-mach deasaich

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)


 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: