Erfurt
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Erfurt
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 59 00' Tuath
11° 02′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 269.17 km²
Àireamh-shluaigh 202,929 (2007)
Dlùths 753.91/km²
Àireamh fòn 0361
Duilleag oifigeil http://www.thueringen.de

‘S e baile mòr faisg air Gotha ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann am Erfurt (IPA: 'ɛʁfʊʁt). ‘S ann às na Thuringii, seann treubh Gearmailteach a bha nan tàmh an seo mu 500 a th' ann an ainm ach chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas mar Erphesfurt ann an sgrìobhainn eaglaise ann an 742. Tha e suidhichte aig 200m os cionn ìre na mara anns an t-srath Thüringen, ri taobh na h-aibhne Gera, anns an stàit Thüringen agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th' ann cuideachd. Tha am baile 236km air falbh bho Bherlin agus 100km bho Leipzig.[1] ‘S e Kreisfreie Stadt neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus tha dà oilthigh an seo, am Fachschule agus Oilthigh Erfurt. Tha 202,929 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 37mh baile as motha na dùthcha.[2] Tha am Pàirc Nàdarra Steigerwald dìreach ann an ceann a deas a’ bhaile.[3]

Eachdraidh deasaich

Bha Erfurt uabhasach cudromach ann am malairt le glas-lus fad na meadhan aoisean o chionn 's gu robh e dìreach ri taobh ath tarsainn na h-aibhne Gera. Gu mì-fhortanach bha sreath dhe ionnsaighean an aghaidh nan Iùdhach an dèidh na Plàighe ann an 1339. Chaidh mu cheud a mharbhadh is theich càch. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1392, is thug Martin Luther ceum an seo. Chaidh e a dhùnadh ann an 1816. Bha am baile fo bhuaidh Mhainz bho 1664 gu ruige 1802, is an uair sin bha e am broinn na Pruise. Ghabh na Frangaich thairis am baile bho 1806 gu ruige 1815. ‘S e baile prùisianach a bh’ann gu ruige 1944. Ged an do tug na Sasannaich agus na Aimeireaganaich ionnsaighean cruaidh air a’ bhaile le plèanaichean is bomaichean làidir aig deireadh An Dàrna Cogadh, cha do rinn iad droch sgrios is milleadh airsan idir. Chaill e gu na h-Aimeireaganaich ann An Giblean 1945. Bha Erfurt am broinn A’ Gearmailt an Ear bho 1949 gu ruige 1989.

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Distance Calculator
  2. Bailtean as motha na cruinne
  3. Steigerwald
  4. Riaghaltas Iosrael
  5. Annuaire de France
  6. Stadt Mainz
  7. City of Shawnee

Ceanglaichean a-mach deasaich