B' e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann an Eachann M. MacDhùghaill (1880–1954) (Beurla: Hector MacDougal). Bha e gu mòr an sàs ann an iomairtean as leth na Gàidhlig.

Eachann MacDhùghaill
Beatha
Breith Colla, 28 dhen Mhàrt 1880
Dùthaich  Alba
Bàs 27 dhen Mhàrt 1954
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Ballrachd An Comunn Gaidhealach

Beatha deasaich

Rugadh e air 28 am Màrt 1880 air Colla. Chaochail e air 27 am Màrt 1954.

Sgrìobh MacDhùghaill bàrdachd, sgeulachdan, eachdraidh, dealbhan-cluiche agus 'beachdaireachd'.

Choisinn e Crùn na Bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1936. Sgrìobh e colbh (sa Bheurla) anns a' Stornoway Gazette agus ann Beurla agus Gàidhlig dhan Weekly Scotsman.

Bha e gu mòr an sàs anns a' Chomunn Gàidhealach agus am buidheann Gàidhlig na bhroinn, Clann an Fhraoich.

Ann an Gairm ann an 1953, dh'iarr Iain M. MacGille-na-Brataich, Iain M. Moffat-Pender agus T. M. MacCalmain air leughadairean taic-airgid a chur a dh'ionnsaigh 'tiodhlac-speis' do dh'Eachann.[1]

Sgrìobhaidhean deasaich

Dealbhan-cluiche deasaich

  • An Gaol a Bheir Buaidh (1912)
  • Coir Samhna air Leannan (1912)
  • Mar dh’aisigeadh dhi a’ Ghàidhlig (1912)

Aistean deasaich

  • MacDhùghaill, Eachann. 1938. 'Colla', Am Measg nam Bodach (Glaschu: An Comunn Gaidhealach), 34-42.

Deasaiche deasaich

  • Bàird Chille-Chomain

Iomraidhean deasaich

  1. Gairm 3, 1953

Tùsan deasaich

  • MacCalmain, T.M., 1954. 'Eachann MacDhughaill', Gairm 8, d.362-8. [ath-fhoillsichte ann an MacCalmain, Tòmas M. 2010. Os Cionn Gleadhraich nan Sràidean (Edinburgh: Scottish Gaelic Texts Society), d.276-281.]