'S e baile beag ann an Earra-Ghàidheal a tha ann an Drochaid Urchaidh (Beurla: Bridge of Orchy). Tha am baile suidhichte air ceann Glinne Urchaidh air a' Mhòr-rathaid A82 ann an Earra-Ghàidheal. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 31′ 0″ Tuath agus 4° 46′ 18″ Iar. Faisg air a’ bhaile tha Beinn Dòbhrain.

Drochaid Urchaidh, sealladh bho Bheinn Dòbhrain. Tha an taigh-òsta agus an drochaid rim faicinn

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1751. Ged a tha Drochaid Urchaidh glè bheag, tha stèisean aige agus tha taigh-òsta ann.

Tha an Slighe na Gàidhealtachd an Iar, frith-rathad astair eadar Glaschu agus A' Ghearastan, a' dol tron bhaile.

Ceanglaichean a-mach deasaich