Dordrecht
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Zuid-Holland (An Òlaind a Deas)
Co-chomharran 51° 48 00' Tuath
04° 40 00′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 99.45 km²
Àireamh-shluaigh 118,528 (2013)
Dlùths 1,191.84/km²
Àireamh fòn +31 (0) 78
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr agus port cudromach air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Dordrecht (IPA: ˈdɔr.drɛχt, Beurla: Dort, Frysk: Doardt, Laideann: Dordracum). Tha an t-ainm a’ ciallachadh tarraing acair na h-Aibhne Thure, bhon fhacal draeg (tarraing acair) ann an Duitsis. Tha e suidhichte air eilean air iomall Rotterdam, aig 3m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhnichean Oude Maas, Beneden, Merwede, Nieuwe Merwede, Hollands Diep agus Dordtsche Kil, anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Chaidh Dordrecht a chlàradh airson a' chiad turas ann an 846 agus noch an t-ainm Thuredrech mu 1120. Fhuair Dordecht a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1220. Dh'fhàs Dordrecht gu math beairteach fad an 12mh Linn agus an 13mh Linn tron mhalairt. Chaidh an sgìre a sgiùireadh le droch tuiltean ann an 1427, a chruthaich an t-eilean far a bheil am baile an latha an-diugh. 'S e am baile as sine na dùthcha a th'ann agus tha e dìreach 38km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 64km bho Amsterdam, 44km bho Utrecht agus 202km bho Ghroningen.[2] Tha 118,528 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e 24mh baile as motha na dùthcha.[3]

Daoine ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

  •   Bamenda[4]
  •   Dordrecht
  •   Hastings
  •   Recklinghausen
  •   Varna

Iomraidhean deasaich

  1. Mongabay
  2. Distance Calculator
  3. Bailtean na Cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-160] 21mh dhen Ògmhios 2013.
  4. DB City

Ceanglaichean a-mach deasaich