'S e moileciuil a tha a' còdachadh fiosrachadh airson creutairean a dhèanamh a tha ann an DNA (searbhag dhiocsairiobo-niùclasaich, Beurla: deoxyribonucleic acid).

DNA
clas structarail de dh'eintiteasan ceimigeach
Fo-sheòrsa denucleic acids, biopolymer, biological macromolecule Deasaich
Ainm goiridDNA Deasaich
Cuspair eòlaisgenealogical DNA test Deasaich
Develops fromRNA Deasaich
HashtagDNA Deasaich
Shapehelix, spring Deasaich
Caractar Unicode🧬 Deasaich

Structar deasaich

 
Na bunan thymine (T), adenine (A) agus adenine (A). Tha na buidhnean fosfait (ann an cearcaill) gan ceangal ri chèile.

'S e hèileags dùbailte a tha ann, is na h-iallan à fosfat, siùcair agus bun – adenine (A), thymine (T), cytosine (C) agus guanine (G). Bidh adenine a' paidhreachadh ri thymine agus cytosine a' paidhreachadh ri guanine. Tha an t-sreath de bhunan a' mìneachadh na gin-sheòrsa agus seo a' cruthachadh, còmhla ri buaidhean àrainneachdail, na fèano-sheòrsa.[1]

Eachdraidh deasaich

Lorg Friedrich Miescher moileciuil ùr ann an ceallan fala geala, is chur e "nuclein" air. Seo DNA agus grunnan-feòla a shiubhal.[2] Lorg Maurice Wilkins gun robh dà structar aig DNA, cruth A a bha criostalach agus cruth B a bha faisg air criostalach. Ann an 1951 rannsaich Wilkins cruth A agus Rosalind Franklin cruth B. Tha ise ainmeil airson Photograph 51, dealbh de phàtran a rinn gathan-x nuair a chaidh iad tro cruth B. Às an ìomhaigh seo lorg i gu bheil an t-aonad ath-thriallach mòran nas motha na aonadan ann am moileciuilean eile, agus gun robh co-chothromachd C2 air. Ach b' e Francis Crick agus James Watson a dhearbh structar DNA le modalan de chairt-bhòrd. Bhuannaich iad agus Wilkins an Duais Nobel an dèidh do Fhranklin a bhàsachadh.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. DNA structure - Structure of DNA - Higher Biology Revision”. BBC Bitesize. BBC. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
  2. Friedrich Miescher”. DNA from the Beginning. Cold Spring Harbour Laboratory. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
  3. Cobb, Matthew, Comfort, Nathaniel (2023): “What Rosalind Franklin truly contributed to the discovery of DNA’s structure,” ann an: Nature, àir. 616, td. 657–660.