Co-chomharran: 57°08′12″N 5°58′33″W / 57.136540°N 5.975954°W / 57.136540; -5.975954


’S e tobhta de chaisteal a tha ann an Dùn Sgàthaich air an oirthir ri taobh siar Shlèite san Eilean Sgitheanach, faisg air Tòcabhaig.

Dùn Sgàthaich
Sealltainn suas gu Dùn Sgàthaich
Suidheachadh
Suidheachadh
Dùn Sgàthaich
Suidheachadh Dhùn Sgàthaich anns an Eilean Sgitheanach

Eachdraidh deasaich

An toiseach, b’ ann le Dòmhnallaich Shléite a bha an Caisteal. Ach uaireigin san 14mh Linn, ghlac Clann MhicLeòid e, agus fad greis bheag b' e Clann MhicAsgaill, caraidean nan Leòdach a bha ga ghléidheadh. Ach ghlac na Dòmhnallaich a-rithist e uaireigin san 15mh Linn.

Chaidh an caisteal a ghlacadh a-rithist san 15mh Linn, an turas seo le Seumas I, Rìgh Alba nuair a bhris e Tighearnas nan Eilean, ach leig e le na Dòmhnallach seilbh a chumail den chaisteal. Thréig na Dòmhnallaich an caisteal tràth san 17mh Linn.

An drochaid-thogalach deasaich

Anns an latha an-diugh, tha an drochaid-thogalach - an té a tha a dhìth! - an còmhnaidh a’ toirt beagan spòrs dhan luchd-turais.

Aistean co-cheangailte deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich