Dòmhnall Ruadh Chorùna

bàrd Ghàidhlig

B' e bàrd a bh' ann an Dòmhnall Ruadh Chorùna, no Dòmhnall Dòmhnallach (9 an t-Iuchar 1887 - 13 an Lùnasdal 1967).

Dòmhnall Ruadh Chorùna
Beatha
Breith Am Baile Sear, 9 dhen Iuchar 1887
Dùthaich  Alba
Bàs Loch nam Madadh, 13 dhen Lùnastal 1967
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Obraichean comharraichte An Eala Bhàn
Gnè ealain bàrdachd
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Cogadh Mòr

Rugadh e ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shinn-seanair a bha na shaighdear aig Corùna san Spàinn ann an 1809.

Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' mhailisi. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns a' Chogadh Mhòr far an deach a leòn aig Blàr an Somme. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus 'An Eala Bhàn'.

Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na chlachair agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.

Tha deagh chuid de bhàrdachd Dhòmhnaill ri leughadh ann an eagran an do fhoillsich Fred MacAmhlaigh ann an 1995[1] ach tha tòrr eile ann nach deach riamh an clò.

Foillseachaidhean deasaich

  • Dòmhnallach, Dòmhnall (1969): ann an: Fred MacAmhlaigh: Dòmhnall Ruadh Chorùna: òrain is dàin. Glasgow: Gairm. 


Iomraidhean deasaich

  1. (1995): ann an: F. MacAmhlaigh agus S. A. Mac a' Phearsain: Dòmhnall Ruadh Chorùna. 

Ceanglaichean a-muigh deasaich