Co-chomharran: 58°54′37″N 3°22′24″W / 58.910386°N 3.373378°W / 58.910386; -3.373378

'S e beinn ann an Alba a th' ann an Cuilags.

Cuilags

Àirde (m) 435
Àirde (tr) 1427
Àirde rinneach (m) 319
air liosta Marilyn
Suidheachadh
Cuilags is located in Alba
Cuilags
Cuilags (Alba)
Suidheachadh Arcaibh
Mapa cumadh-tìre OS Landranger (7)
OS Explorer (462)
Comharradh-clèithe HY209033

Suidheachadh deasaich

Tha e suidhichte aig ceann a tuath an eilean Hòigh ann an Arcaibh. Tha e 435m (1427 troigh) de dh'àirde.[1] Air mullach na beinne chithear trì cùirn mòra. 'S e an treasamh càrn bhon ear a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Marilyn a th' ann.

Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Cuilags san 7 an t-Iuchar 2008 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]

Tha an àirde rinneach (319m) a' sgaradh Cuilags glè mhath bho Ward Hill, tha na Glens of Kinnaird eadar an dà bheinn. Tha Cuilags na màthair-mhullaich den bheinn Sui Fea.

Fiadh-bheatha deasaich

Ged nach eil mòran craobhan dùthchasail rim faicinn ann an Hòigh, tha caorainn, calltainn (Corylus avellana), crithinn, beithean (Betula pubescens) is seilich (Salix atrocinera) a' fàs fhathast aig bonn nan leargaidhean Cuilags.[3]

Iomraidhean deasaich

  1. Hill Bagging (Beurla)
  2. Database of British and Irish Hills”. Air a thogail 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
  3. Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands. Dùn Èideann, Canongate, td 344; ISBN 9781847672773

Dealbhan deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich