'S e seòrsa dàn a th' ann an cros-dhàn[1] neo tarsnachan[2] (acrostic) air a dhèanamh air chor is gun dèan a' chiad litir anns gach sreath suas aon fhacal neo barrachd.

Nochd eisimpleir le Màiri Nic Ealair anns A' Ghàidheal leis an tiotal 'Rann-Callainn do'n Ghàidheal' far a bheil ciad litrichean nan sreath a' dèanamh nam facal, 'An latha chi 's nach fhaic, a Ghaidheil'.[3] Thòisich an dàn leis an t-sreath seo:

An latha chi 's nach fhaic, a Ghaidheil,

Na h-uile la 'measg chairdean baigheil,

Lan do shonas cliùmhor, buadhmhor,

Ag ùrachadh d' oige gu snuadhmhor;

Tional meala as na bruachan —

H-uile 'meas tha 'n gleann 's an cruachan;

A' tighinn le d' mhaileid gu loinneil

Iomraidhean deasaich

  1. Am Faclair Beag: “'cros-dhàn'”. Air a thogail 6mh dhen Mhàrt 2017.
  2. Am Faclair Beag: “'tarsnachan'”. Air a thogail 6mh dhen Mhàrt 2017.
  3. Nic Ealair, Màiri (An Dùbhlachd 1874): “Tarsnachan. Rann-Callainn do'n Ghaidheal.,” ann an: Mac-Neacail 'sa Chuideachd (Foills.): An Gàidheal, leabhar 3, àir. 36, Glaschu, td. 364. Air a thogail 6mh dhen Mhàrt 2017.