’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Creag a' Mhàim. Tha e 947m de dh’àirde agus ’s e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e suidhichte eadar Loch Cluanaidh agus Loch Dubhthaich air taobh dheis Gleann Seile. 'S e a' bheinn as fhaide dhan ear air druim deis Gleann Seile a th' ann.

Creag a' Mhàim

Creag a' Mhàim bhon ear-dheas
Àirde (m) 947
Àirde (tr) 3,106
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Creag a' Mhàim is located in Alba
Creag a' Mhàim
Creag a' Mhàim (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Druim Deas Ghleann Seile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NH08790778

Gheibhear dhan mhullach bhon rathad A87 bho thaigh-òsta Chluanaidh. Bidh cuid ga cheangal le Aonach air Chrith agus Maol Chinn-Dearg agus a' cromadh air Druim Coire nan Eirechanach, air neo fiù 's leis na beanntan eile air an druim seo, ach bheir seo 9-11 uairean a thìde [1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile, Loch Cuaich agus Chnòideirt.

Iomraidhean deasaich

  1. Druim Deas Ghleann Seile air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: