Corinto
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cauca
Àirde 1050m
Co-chomharran 03º 10' 40' Tuath
76º 15″ 44 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 302 km²
Àireamh-shluaigh 28,310 (2005)
Dlùths 93.74/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Chorinto

'S e baile beag ann an Cauca, Coloimbia,[1] a th'ann Corinto. Tha e suidhichte 118km air falbh bho Phopayán (prìomh-bhaile na roinne) agus dhe 53km bho Chali, ann an sgìre ris an canar an Sliabh Meadhanach (Spàinntis: La Cordillera central) ann na na h-Andes. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ann le teodhachd mu 24˚ thar cheann, rè na bliadhna, ged a tha teodhachd mu 13˚ faisg air a’ bhaile. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1867.

Sluagh a' bhaile deasaich

Ged a tha 28,310 nan tàmh anns a' bhaile, tha a'mhòr-chuid, 16,157 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, 's e pàtran àireimh-sluaigh traidiseanta a th'ann.

Taobh chinnidh, ' s e daoine Afraganach agus Tùsanach a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Corinto (is mòran dhuibh mestizos). ‘S e Tùsanaich a th’ann an 44.2% agus tha 27.9% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 83.1% dhe na daoine ann an Corinto leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 15.9% dhe na dachannan.[4]

Ainneart deasaich

Chaidh coslach fhir às An Spàinn a lorg ann an Corinto air 22 an Lùnasdal 2013. Chaidh Sergio Muñiz Brioso, a bha 28 bliadhna a dh'aois, a thoirt am brùid as t-samhradh san aon bhliadhna.[5]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Corinto. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil deasaich

José María Obando (1795 - 1861): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1831 agus 1832.

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  3. Cololmbia Virtual
  4. Bileag fhiosrachaidh DANE
  5. El Periódico de Catalunya
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Corinto

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: