Ann an eòlas-talmhainn canar clach ri gràinnean mèinnireach a tha ceangailte rin chèile gu nàdurra ann an staid chruaidh. Tha rùsg na talmhainn air a dhèanamh à cloich.

Clachan air an tràigh

Sa chumantas thèid clachan a' seòrsachadh a rèir a' cho-dhèanamh cheimigich is mèinnirich aca, a rèir structar nam mìrein aca agus a rèir a' phròiseis anns an deach iad a chruthachadh.

Seòrsaichean deasaich

 
Clachan anns a' Monaidh Ruaidh

Seo na trì prìomh roinnean-seòrsa de chlachan:

  • Clach theinnteach: Chaidh iad a chruthachadh le magma no làbha a bha air am fàs fuar. Canar clach Phlutonach ris an fheadhainn far an robh fuarachadh magma a' tachairt am broinn na talmhainn agus clach bholcànach ris an t-seòrsa a chaidh a chruthachadh à làbha air bàrr an talmhainn.
  • Clach chruth-atharrachail: Bha robh cruth na cloiche tùsanaich ag atharrachadh fo bhuaidh teas àrd is fo bhrùthadh no tro phròiseas tectonic.
  • Clach ghrùideach: Chaidh iad a chruthachadh le tasgaidhean de stuth air bàrr na talmhainn a bha air a gluasad gu àite eile le uisge, gaoith, deidh no eigh-shruth. Bha gràinnean mèinnireach agus/no mìrean fàs-bheartach a' tuiteam air a' bhonn agus a' càrnadh.

'S e petrology an rannsachadh saidheansail air na clachan, tha e na phàirt riatanach de eòlas-talmhainn.

Cleachdadh deasaich

 
Seann innealan à cloich
 
Taigh agus feansa ann an Hiort

Bha agus tha buaidh mhòr air cleachdadh nan clachan air leasachadh cultarail agus teicneòlach nan daoine.

Ann an Linn na Cloiche (eadar 2.6 millean is 7 mìle bliadhna RC) thòisicheadh clachan a chleachdadh mar innealan. Lorgadh an fheadhainn a bu shine anns an roinn far a bheil an Aetiòp an-diugh, tha iad eadar 2 is 3 millean bliadhna a dh'aois.

Anns na seann làithean chaidh togalaichean a thogail le clachan a-mhàin, an-diugh chithear clachan gu math tric am broinn an taighe mar làr, mar staidhir no anns a' chidsin, no taobh a-muigh air na rathaidean. Thèid an cleachdadh airson clach-chuimhneachain no mar bun-stuth ann an ealain cuideachd.

Ann an eachdraidh bha mèinnearachd nan clachan cudromach airson adhartas a thoirt do na daoine. Bho Linn an Iarainn a-mach bhathar a' feuchainn meatailt fhaighinn às na clachan. An toiseach chaidh teine a chleachdadh, ach dh'fhàs sin gu gnìomhachas cudromach. Chithear mar eisimpleir tobhtaichean de mhèinnearachd iarainn ann an Ratharsair, a chuir ri eaconomaidh an eilein aig deireadh an 19mh linn. Lorgar daoimeanan, gual is mòran rudan eile anns na clachan eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail a dh'fhiach airson mhèinnearachd.

Air a' Ghàidhealtachd chaidh clachan a chleachdadh airson taighean no feansaichean a thogail gu h-àraid anns na h-àitichean far an robh fiodh gann. Chithear cuideachd mòran chlachan Chruithneach a bhios a' toirt iomradh mu eachdraidh nan tuineachaidhean. Tha Clach a' Charraidh ann an Seannduaig na deagh eisimpleir de chloich Chruithnich Clas II.

Faic cuideachd deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich