'S e beinn air Oighreachd Atadail air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Dronaig. Tha i 797 m de dh’àirde agus ’s e Corbett a th' ann. Tha i suidhichte ann an àite iomallach eadar Atadal agus Loch Monar dìreach os cionn Loch Calavie.

Beinn Dronaig
Àirde (m) 797
Àirde (tr) 2,615
Àirde rinneach (m) 432
air liosta Corbett
Suidheachadh
Suidheachadh Atadal
Mapa cumadh-tìre Landranger 25
Explorer 429
Comharradh-clèithe NH037381

Mar as trice bithear a' dol suas Beinn Dronaig bho Atadal, agus dh'fhaodadh pàirt den t-slighe a dhèanamh air an rothair. Tha bothan, Loidse Beinn Dronaig, san iar-thuath den bheinn, agus 's ann le Oighreachd Atadail a tha e.

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air Loch Monar, Bidean a' Choire Sheasgaich, Lurg Mhòr, Loch Carrann agus beanntan Achadh na Seileach.

Sealbh deasaich

'S ann air Oighreachd Atadail a tha Beinn Dronaig[1].

Iomraidhean deasaich

  1. Oighreachd Atadail

Ceanglaichean a-mach deasaich