B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Cipriano José María Machado Ruiz (1875–1939). Rugadh e ann an Sevilla ann an 1875. Tha a bhàrdachd pailt agus ioma-sheòrsach: eibhinn, brònach, aotrom, domhainn tuairisgeulach, feallsanachail – ach an còmhnaidh sgoinneil, bòidheach, fìorghlan, treibhdhireach, uasal. Bha e ‘na comh-aimsireach do bhàrd mòr eile, Federico Garcia Lorca a rugadh, mar Mhachado, ann an Andalusia, ceann iar-dheas na Spàinne. Mu thimcheall Mhachado, sgrìobh an leabhar mòr-eòlais Larousse:

Antonio Machado Ruiz
Beatha
Ainm slàn Antonio Cipriano José María Machado Ruiz
Breith Sevilla, 26 dhen Iuchar 1875
Dùthaich  An Spàinn
Àite-fuirich Madrid
Paris
Soria
Baeza
Segovia
Sevilla
Rocafort (en) Translate
Barcelona
Collioure
Bàs Collioure, 22 dhen Ghearran 1939
Àite-adhlacaidh Collioure
Teaghlach
Athair Antonio Machado Álvarez
Màthair Ana Ruiz Hernández
Cèile Leonor Izquierdo  (1909 -  1912)
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Mheadhain
Cànain Spàinntis
Fraingis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, sgrìobhaiche-dràma, neach-teagaisg agus intellectual (en) Translate
Obraichean comharraichte Soledades. Galerías. Otros poemas (en) Translate
Campos de Castilla (en) Translate
Juan de Mairena (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Royal Spanish Academy (en) Translate
Gluasad Ginealach '98
Gnè ealain bàrdachd
dràma-eòlas
aiste

...bàrd Spàinnteach, a rugadh ann an Sevilla ...a thug gu buil, air feadh beatha iriosail, uaigneich mar teagasgair na Fraingise..., cruthachadh obair bàrdachd a bha anabarrach luachmhor.

Campos de Soria (Achaidhean Shoria) deasaich

Seo, mar eisimpleir den bhàrdachd tuairisgeulaich aige, beagan rann às a dhuan fada (naoi earrannan agus còig rann deug) a sgrìobh e do bhaile dan ainm Soria ann an ceàrn beanntach, anns an àirde tuath den Spàinn, far an do theagaisg Machado agus far an do phòs e a aon bhean ionmhainn Leonor a chaochail nuair nach robh i ach òg. Ann an 1989 chaidh Antonio Machado ainmeachadh le UNESCO mar Poeta Universal (“Bàrd Uile-choitcheann”).

Tha fearann Shoria neo-thorrach, tartmhor, fuar
Air na cnuic chruinne is na beanntan maola,
Cluaintean glasa agus sgùrran ciar,
Thig agus thèid an t-Earrach
A’ fàgail eadar feur is luibhean cùbhraidh
Neòineanan beaga bàna air an làr.
Cha dhuisg an ùir ‘s an raon ‘na chadal fhathast,
Air tùs a’ Ghiblein bidh e ‘g cur an t-sneachd
Air leitir àird a’ mhonaidh;
Pasgaidh fear-siubhail a mhuineal is a bheul
‘Na ghuailleachan clòimhe, agus ceumaidh
Ciobairean seachad ann an cleòcan fada.
Soria glan nam beann fuara
Ceann de Roinn Extramadura
Le làrach caisteal ceathairne
Air bruaich abhainn Duero;
Leis a bhàbhain chnàimhte
Is a thaighean dubhaichte!

……….

Thèid sibh còmhla rium ann am chridh’!

IX

Seadh, thèid sibh còmhla rium, achaidhean Shoria
Feasgairean sìochail agus beanntan purpaidh,
Doireachan aibhne, aislingean uaine
Den fhearrann odhar, ‘s den duslach ghlas
Agus den bhaile chrìon,
Dhrùidh sibh air m’anam –
No an robh sibh ann mu thràth?
‘Mhuinntir àrd-chòmhnaird tìr Numancia:A leanas ri Dia mar sean-Chrìosdaidhean,
Gun lìonadh grian na Spàinne sibh le aoibhneas,
Le solas, saidhbhreas agus soirbheachadh!

(Air a eadar-theangachadh le Garbhan MacAoidh.)

Iomradh deasaich

  • Màthair-adhbhar: GAIRM, Àireamh 155, An Samhradh 1991, t.d. 253-257.