'S e fèis lùth-chleasan àrsaidh a bh' ann an Aonach Thailteann (no Áenach Tailteann ann an Seann Ghaeilge) ann an Èirinn. Chaidh an cumail eadar 632 RC agus 1169/1171 AD gus urram a thoirt do Thailtiu ach chrìon iad is chaidh iad à bith ri linn tìr-ghabhail nan Normanach.[1] Tha e ainmichte ann an Trecheng Breth Féne, làmh-sgrìobhainn às an 9mh linn far a bheil e ag innse gu bheil trì aonaich ann an Èirinn: Trí óenaig hÉrenn: óenach Tailten, óenach Crúachan, óenach Colmáin Ela.[2]

Cleasan-teine aig a' chiad Aonach "ùr", 15mh dhen Lùnastal 1924

Eachdraidh deasaich

Chaidh an cur air bhonn ann an 632 le Rìgh Luaghaidh Lamhfáda gus urram a thoirt dha mhàthair-oide an dèidh a bàis. Thòisich iad air a' chiad latha dhen Lùnastal agus mhair iad fad seachdain, le lùth-chleasaichean o air feadh na h-Èireann a' tighinn còmhla gu sìtheil.[3]

'S e Rìgh Ruaidrí Ua Conchobair a chum an tè mu dheireadh ann an 1169, a' bhliadhna a ghabh na Normanaich os làimh Èireann.[4].

Thathar sa bheachd gur ann an Contae na Mì a chaidh an cumail, ann am baile air a bheil Tailtin an-diugh.

Ath-bheòthachadh deasaich

Chaidh an ath-bheòthachadh grunn thursan, a' chiad turas sna meadhan-aoisean. A bharrachd air na geamannan fhèin, b' e seo an t-àm airson pòsaidhean deuchainn cuideachd, b' iad si pòsaidhean a mhaireadh bliadhna is latha agus bha iad seo laghail suas dhan 13mh linn. Tha Leabhraichean nam Britheamhan a' toirt iomradh air a’ ghnàthas seo cuideachd.[5]

Chaidh an ath-bheòthachadh a-rithist an uairsin san 20mh linn, a' chiad turas ann an 1924 ann am Páirc an Chrocaigh, le cead aig duine sam bith pàirt a ghabhail aig an robh sinnsireachd Èireannach. Chaidh an cumail a-rithist ann an 1928 is 1932 ach cha deach an cumail a-rithist an uairsin.[6]

Tha Athletics Ireland a' cumail fèis fon dearbh ainm an-diugh cuideachd.

Tùsan deasaich

  1. Watman, Melvyn History of British Athletics (1968) Hale ISBN 978-0709102557
  2. Stifter, D. Sengoídelc (2006) Syracuse University Press ISBN 0-8156-3072-7
  3. Aonach Tailteann (2007) Stiùiriche Donnacha Ó Briain TG4
  4. Cronin, Mike Projecting the nation through sport and culture (2003) Journal of Contemporary History, Vol. 38, No.3
  5. O'Donovan, J., et al. (deasaichean) Ancient laws of Ireland, published under direction of the Commissioners for Publishing the Ancient Laws and Institutes of Ireland. (2000) Buffalo, New York: W.S. Hein. ISBN 1-57588-572-7
  6. https://web.archive.org/web/20081006215058/http://www.hoganstand.com/general/ground/articles/0328033.htm Hoganstand