Ùige

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Co-chomharran 57° 34′ 48″ Tuath
6° 21′ 36″ Iar
Comharradh-clèithe 395 640
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh ~ 200 ()

'S e baile beag anns an Eilean Sgitheanach a th' ann an Ùige (Beurla: Uig) Tha e suidhichte aig ceann geotha fasgach Bàgh Ùige air oirthir an iar den leth-eilean Tròndairnis. Tha eadar 200 is 300 duine a' fuireach an seo.

Ainm-àite deasaich

Thathar dhen beachd gun tàinig an t-ainm bho sheann Lochlannais "vík" a tha a' ciallachadh bàgh no geodha. Nochd e ann 1654 air mapa Bhlaeu mar "Vÿg".[1] Ann an 1776 chuir Mackenzie an t-ainm "Uig" ris a' bhaile seo air a' mhapa aige[2], ainm a nochdas aig Dwelly cuideachd[3], ged nach eil esan ag ràdh cà bheil an “Uig” a tha seo.

B’ e “An Ùig” a bha roimhe mar ainm air a’ bhaile aig Ainmean-Àite na h-Alba[4]. Ach a-rèir Iain Mac an Tàilleir, ’s e "Ùige" ainm an àite seo.[5][6], “Ùig” a tha ann an Leòdhas agus ann an Colla, agus “An Ùig” ann an Siorrachd Rois. “Uig” a th’ orra gu léir sa Bheurla. ’S e “ann an Ùige” a chanas muinntir an àite fhéin, agus tha iad deimhnichte gu bheil “anns an Ùig” ceàrr[7][8], ged nach eil barail cho làidir sin aca a thaobh Ùig/Ùige. Tha AÀA air atharrachadh gu “Ùige” a-nise.

Am Baile deasaich

Ruigear Ùige air an rathad A87 bho Phort Rìgh agus Caol Loch Aillse no air an A855 a bhios a' ruith gu tuath timcheall air ceann an leth-eilean Tròndairnis. Tha busaichean ionadail ann agus tha busaichean Scottish Citylink ga cheangail leis na bailtean mòra, mar Glaschu agus an Gearasdan. Tha port mara ann far a bheil aiseagan Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' dol gu Tairbeart anns na h-Hearadh agus Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath. Tha taigh-seinnse is làrach campachaidh dlùth air a' phort-aiseig agus as t-samhradh tha na cafaidhean an seo fosgailte cuideachd. Tha taigh-òsta "Uig Hotel" suas air mullach cnuic, agus tha ostail-òigridh ann cuideachd. Tha an taigh-grùide "Isle of Skye Brewery" a’ dèanamh is a’ reic leann ionadail. Ann am meadhan a‘ bhaile tha bùthan beaga is oifis a’ phuist ann. Faisg air a' bhàgh tha Uig Pottery ann, bùth far am faighear obair criadhadaireachd às an àite fhèin.

Tha dà abhainn bheag ann: River Rha bhon taobh tuath agus River Conon bho Ghleann Ùige san ear.

Timcheall air a' bhaile deasaich

 
Gleann nan Sìthichean air latha fliuch

Gleann nan Sìthichean deasaich

Tha Gleann nan Sìthichean shuas an rathaid gu Baile a' Chnuic. Chithear cnocain fheurach, seann chraobhan agus uillt bheaga an seo. Thàinig ainm a' ghlinn bhon chnoc a tha coltach ri caisteal agus ris an canar Caisteal nan Sìthichean. Aig bonn na creige tha loch beag ann.

Uig Tower deasaich

Mu dhà cileameatair deas air a' bhaile faisg air an A87 chithear an Uig Tower, àrd-chomharradh a tha ceangailte leis na Fuadaichean. Canar "Captain Fraser's Folly" ris cuideachd agus tha e air an liosta de na "Category B listed buildings"[9] Chaidh a thogail timcheall air 1850 le Captain Fraser gus beartas an teaghlaich a shealltainn. B' e sin an t-àite a chaidh a chleachdadh le Fraser gus màl a chruinneachadh bho na croitearan aig àm nam Fuadaichean, mar sin bha agus tha na shamhla airson an fheadhainn a bha a' fulaing aig an àm seo. An dèidh nan Fuadaichean chleachdadh an tùr mar àite-fuirich gus na 1950an. Tha e aig Uig Hotel a-nis. [10]

Dealbhan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa Bhlaeu: Blaeu Atlas of Scotland, 1654, a' tarraing 6 an Dùbhlachd 2013
  2. Coasts of Scotland on marine charts, 1580-1850 Leabharlann Nàiseanta na Alba, a' tarraing 6 an Dùbhlachd 2013
  3. Faclair Dwelly, a' tarraing 6 an Dùbhlachd 2013
  4. Ainmean-Àite na h-Alba - An Ùig, a' tarraing 6 an Dùbhlachd 2013
  5. Iain Mac an Tàilleir (2003) d. 116 a' tarraing 6 an Dùbhlachd 2013
  6. Place-Names of Scotland, le Iain Taylor, Birlinn, 2011, ISBN-10: 1780270054, ISBN-13: 978-1780270050
  7. Gilleasbuig Aotrom - air aithris leis an Sgiobair, a’ tarraing 13 an Dùbhlachd 2013
  8. Comhraidhean prìbheideacha, Caoimhín Ó Donnaíle le Aonghas Dubh MacNeacail à Ùige, agus le Iain Tormod MacLeòid à Stafainn, agus le Tormod MacGillÌosa à Tròndairnis
  9. Uig Round Tower”. Alba Aosmhor. Air a thogail 30 an t-Sultain 2013. .
  10. Trivago, review Captain Fraser's FollyTeamplaid:Fix/category[dead link].

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: