Am Mòine Naomh

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 20' 00″ Tuath
03° 92′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 487 (2011)
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann Am Mòine Naomh neo Mòine na h-Eibhe (Beurla: Moniaive, Beurla Ghallta: Minnyhive). Tha e suidhichte aig 195m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Bàrr na Dris agus Clachan Eòin, ri taobh an Uisge Càrn. Tha e 27km air falbh bho Dhùn Phris, 75km bho Glaschu, 78km bhon An t-Sròn Reamhar agus 96km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 487 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns a' Mhòine Naomh, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe agus a' chaorach.

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Mòine agus naomh a th' ann an t-ainm. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Mòine ghàbhaidh a tha e.[5] Tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan na dhà theòiridh. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6]

Eachdraidh deasaich

Tha baile air a bhith ann an seo bhon 10mh Linn aig a' char as lugha agus fhuair e a chuid chòirichean bhon Righ Teàrlach I ann an 1663 is le sin thogadh toll-bùtha crois a' mhargaidh agus sa bhaile gus malairt a bhrosnachadh sa sgìre. Bha na Pròstanaich radaigeach gu math làidir san sgìre seo tron 16mh Linn agus chaidh fear dhuibh a rugadh anns a' Mhòine Naomh, James Renwick,[7] a chur gu bàs ann an Dùn Èideann ann an 1688. Bha am fear-ealaine James Paterson na thàmh an seo bho 1884 gu ruige 1905.[8] Bha e an sàs sa bhuidhinn ealain na Balaich à Glaschu agus thugadh cliù dhan a' Mhòine Naomh air sàilleabh a chuid obrach san sgìre. Stèidheachadh loidhne-rèile eadar Dùn Phrìs agus Am Mòine Naomh ann an 1905 ach dhùineadh an seirbheis ann an 1947.[9]

Tachartasan deasaich

Bidh mòran dhe fhèis a' gabhail àite tron bhliadhna sa Mhòine Naomh: Fèis Chiùil Tradaiseanta sa Chèitean, Fèis Chiùil Bluegrass san t-Sultain agus Fèis Ghiotàir san Lùnasdal.[10] A bharrachd air sin, tha iomadach ghnìomhachas ann cuideachd: taighean-seinnse, taighean-bìdh agus bùth-obrach theòclaid.[11] Tha ealain glè chudromach an seo agus chithear ìomhaighean-chloiche air feadh na sgire.[12]

Iomraidhean deasaich

  1. Falling Rain
  2. Distance Calculator
  3. City Population
  4. Lorimer, W. L., "The Persistence of Gaelic in Galloway and Carrick", ann an Scottish Gaelic Studies, VI.2 (1949), duilleag 117
  5. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  6. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  7. James Renwick
  8. National Galleries
  9. Transport Divisions
  10. Moniaive Folk Festival
  11. Tartan Chocolate
  12. Striding Marches