Alasdair
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Alasdair [1][2]. 'S e ainm baistidh fireann a th’ ann. Tha e a' nochdadh ann am Beurla mar Alastair, Alistair no Alister [3]. Tha e co-ionnann le Alexander [4].
Bunachas deasaich
Thàinig an t-ainm bho thùs bhon ainm Greugach Αλέξανδρος (Aléxandros). Tha ἀλέξω (aléxō) a’ ciallachadh " tha mi a' dìon, a’ cumail air falbh" agus + ἀνδρός (andrós), an tuiseal ginideach airson ἀνήρ (anēr) a bhios a’ ciallachadh "duine". Mar sin 's e "dìonadair an duine" an ciall a th’ aig Alasdair. Nochd e ann an Laideann mar Alexander.
Canar gun do nochd an t-ainm airson a’ chiad turas le Alasdair Mòr Mac Dòmhnaill anns na 1250an.
Daoine air a bheil an t-ainm Alasdair deasaich
Ainmean-àite deasaich
Tha an t-ainm a' nochdadh ann an ainmean-àite cuideachd, mar eispimpleir:
- Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde anns an Eilean Sgitheanach
- Creag Alasdair
Faic cuideachd deasaich
Iomraidhean deasaich
- ↑ MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- ↑ Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.143
- ↑ Behind the name
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx).