Akureyri
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Norðurland eystra
Co-chomharran 65° 40' 53 Tuath
18° 5' 14 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 138 km²
Àireamh-shluaigh 18,925 (2019)
Dlùths 137.14/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile agus port ann an ceann a tuath Innis Tìle a th’ ann an Akureyri (IPA: aːkʰʏrˌeiːrɪ). Tha e suidhichte faisg air Húsavík, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Norðurland eystra (Roinn an Ear-Thuath), ri taobh Loch mara Eyjafjörður, 388km air falbh bho Reykjavík agus 429km bho Selfoss.[2] Tha 18,925 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an ceithreamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur agus Hafnarfjörður 's a th' ann an Akureyri. Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]

Eachdraidh deasaich

Nochd an sgìre mu timcheall an locha san 50mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a ràining fear air an robh Helgi bho Innse Gall an Alba.[5] Chaidh Akureyri fhèin a chlàradh airson a'chiad turais ann an 1562 nuair a chuireadh boireannach gu bàs airson adhaltranais. Chaidh baile a stèidheachadh an seo ann an 1778 agus fhuair e a chuis chòirichean ann an 1786. 'S e nach eil an loch fo dheigh idir sa gheamhradh ged a tha Akureyri dìreach 100km air falbh on Chearcall Artach.[6] B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Akureyri ri fhàs. Chaidh cathair-eaglais a thogail an seo ann an 1940, air a bheil Akureyrarkirkja.[7] Chaidh Oilthigh Akureyri (Innis-Tìlis: Háskólinn á Akureyri) fhosgladh an seo ann an 1987.[8] Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.

Freumh-fhaclachd deasaich

Tha an t-ainm a' ciallachadh Achadh an Rubha sa chànan aca, bho Akur (Achadh) agus Eyri (Rubha).

Daoine Ainmeil deasaich

Meadhanan deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Falling Rain
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa
  6. AFE
  7. Akureyrarkirkja
  8. Háskólinn á Akureyri

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: