'S e baile croitearachd ann an Asaint, Cataibh a tha ann an Achadh Mhealbhaich (Beurla: Achmelvich ).[1] Tha am baile suidhichte mu trì mìltean air àird an iar-thuath Loch an Inbhir agus mu 40 mìle tuath air Ulapul.

Achadh Mhealbhaich
An cladach, chithear pìos den "Yellow flag" air a làimh chlì

Ged nach eil ach rathad singilte a’ leantainn bhon B869 don bhaile, bidh an t-àite a' tarraing mòran luchd-turais.Tha cladach àlainn aige a buannaich duais Yellow Flag dhen Marine Conservation Society air sgàth 's an t-uisge glàn.[2] Tha dà làrach charabhanaichean is campadh faisg air a' chladach, far am faighear carabhan air mhàl cuideachd.[3]Tha ionad-nigheadaireachd beag, bùth is take away ann cuideachd. Tha sealladh brèagha ann thairis air a’ Chuan Leòdhasach gu Port Altan Na Bradhan. Tha a' mhachair a' sgaradh a' chladaich bhon phàirc-chàraichean, tha osdail-òigridh agus ionad-fiosrachaidh an seo cuideachd. Tòisichidh an t-slighe gu Altan na Bradhan an seo far an faicear tobhta mhuilinn. Bha am muileann suidhichte faisg air allt beag agus chaidh a chleachdadh gus na 1800an. [4]

Chaidh Achadh Mhealbhaich a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [5] A-nis 's e Achadh Mhealbhaich aon de na bailtean croitearachd a tha suidhichte ann an Oighreachd Asaint a Tuath.

Iomraidhean deasaich

  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 2, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 2na an Lùnasdal 2011)
  2. Good beach guide a' tarraing air 28mh an Lùnasdal 2011
  3. Scottish Camping Guide: Shore Caravan Site (a' tarraing air 2na an Lùnasdal 2011)
  4. Eachdraidh muileann Altan na Bradhan
  5. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: